Sùil air a' Mhapa 54
An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air an fhacal ‘nighean’ – daughter no girl – air mapaichean na Gàidhealtachd. An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air facal car coltach – ‘nighe’. N-I-G-H-E. Tha e a’ ciallachadh ‘washing’. Tha cuid de lochan ann air a bheil Loch Nighe ‘washing loch’. Tha mi an dùil gum biodh muinntir na sgìre a’ toirt an cuid aodaich is aodaich-leapa ann aig toiseach an t-samhraidh airson nighe mhòr a dhèanamh. ʼS e latha mòr dha-rìribh a bha ann.
Tha co-dhiù ceithir lochan anns na h-Eileanan Siar air a bheil Loch Nighe – tha na trì ann an Uibhist a Tuath agus aonan anns Na Hearadh. Agus tha Leac Nighe ‘washing slab’ air cladach Eilean an Taighe anns na h-Eileanan Mòra no Eileanan Seunta – The Shiant Islands.
Tha nigheadaireachd cuideachd a’ ciallachadh ‘washing’ agus tha Lochan na Nigheadaireachd ‘the small loch of the washing’ faisg air a’ Bhogha Mhòr ann an Ìle. Tha am facal glanadh cuideachd a’ ciallachadh ‘cleaning’ no ‘washing’ agus tha Loch Glanaidh faisg air Druim na Drochaid, taobh Loch Nis. Tha na h-ainmean sin na uinneag do dhòigh-beatha a th’ air a dhol à bith.