Sùil air a' Mhapa 57
Ann am Bràigh Loch Abar, tha gleann air a bheil Amar Srath Oisein – the channel of the strath of Oisean. Gu mì-fhortanach, tha Oisean air a litreachadh anns an dòigh Bheurla mar O-S-S-I-A-N. Co-dhiù, tha Abhainn Oisein ‘the River Ossian’ a’ sruthadh troimhe – a-steach gu Loch Oisein ‘Oisean’s loch’. B’ e Oisean am mac aig Fionn Mac Cumhail, ceannard nam Fiann. Tha an sgìre sin làn beul-aithris. Agus ʼs e sin a dh’fhàg ainmean nam Fiann air an tìr.
Tha grunn àiteachan air a’ Ghàidhealtachd ainmichte airson Oisean. Tha Clach Oisein ‘Oisean’s stone’ anns a’ Chaol-ghleann no Sma’ Glen ann an Siorrachd Pheairt. Tha Uamh Oisein ‘Oisean’s cave’ ann an Eilean Arainn. Tha tè eile ann an Gleanna Comhann. Tha Tobar Oisein ‘Oisean’s well’ air Beinn Ghulbainn ann an Gleann Sìth. Agus tha ainm-àite annasach faisg air ceann a deas Loch Nis a dh’ainmich mi turas eile – Càrn Odhar Uaine Oisein. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil e a’ ciallachadh ‘the dun-coloured hill by Oisean’s green place’. Feumaidh mi a dhol a choimhead air an àite uaireigin!