Sùil air a' Mhapa 81
Tha àiteachan gu leòr ann an Alba air a bheil an t-ainm Kinloch ann am Beurla. Tha iad bhon Ghàidhlig Ceann Loch ‘head or end of the loch’. Ged as e Ceann Loch – Kinloch – fhèin a th’ air feadhainn, tha an t-ainm mar as trice nas fhaide na sin, le ainm an locha mar phàirt dheth.
Tha Kinlochlaggan – Ceann Loch Lagain – ann am Bàideanach. Tha Kinlochard – Ceann Loch na h-Àirde – anns na Tròisichean. Tha Kinlochdamph – Ceann Loch Damh – ann an Ros an Iar. Tha Kinlochmorar – Ceann Loch Mòrair – aig ceann an ear Loch Mòrair faisg air Malaig. Agus tha Kinlochbervie – Ceann Loch Biorbhaidh – aig ceann an loch-mhara sin ann an Eadar-Dhà-Chaolas – ann an iar-thuath siorrachd Chataibh.
Tha cuid de dh’àiteachan a ghlèidh dreach na Gàidhlig air an ainm, ge-tà. Mar eisimpleir Ceann Loch Reasort ann an Leòdhas, Ceann Loch Caolisport ann an Earra-Ghàidheal agus Ceann Loch Eiseoirt anns an Eilean Sgitheanach.
Ach ʼs dòcha gur e an ceann loch as inntinniche air a bheil an t-ainm sin Ceann Loch Chille Chiarain – ‘the head of the loch of St Ciaran’s Church’. Bidh na Gàidheil anns an sgìre dìreach a’ gabhail ‘Ceann Loch’ air. Agus dè a’ Bheurla air Ceann Loch Chille Chiarain? Uill – Campbeltown. ʼS fheàrr leam an t-ainm Gàidhlig!