Sùil air a' Mhapa 48
Siar air Inbhir Nis tha baile beag le ainm brèagha – Crask of Aigas. Tha crask a’ ciallachadh ‘crossing place’. Tha Crask of Aigas ann an àite far a bheil bruaichean Abhainn Fharrair gu math cas. Bha e na b’ fhasa do dhaoine a bhith a’ seachnadh taobh na h-aibhne agus a’ dol thar a’ chnuic aig a’ chrasg.
Tha am facal crasg pailt ann an ainmean-àite. ʼS iomadh àite air a’ Ghàidhealtachd air a bheil Crask no The Crask no Craskie. Bheir mi eisimpleir no dhà dhuibh. Ann an Eadra-Chaolas, tha ceum-coiseachd ann a tha a’ dol thar a’ mhonaidh. Ri a thaobh, tha Loch Mòr a’ Chraisg ‘the big loch of the crossing place’. Cuideachd, tha Loch Beag a’ Chraisg, Allt Lochan a’ Chraisg agus Beinn a’ Chraisg ann. Faisg air Inbhir Narann tha Càrn a’ Chrasgaidh ‘the hill of the crossing place’.
Faisg air a’ Bhlàr Dhubh – no Muir of Ord – tha Ardnagrask. ʼS e sin Àird nan Crasg ‘the point of the crossing places’. Tha an dreach Beurla a’ sealltainn gur e Àird nan gCrasg a chanadh na seann Ghàidheil seach Àird nan Crasg. Bidh sinn ag ionnsachadh tòrr bho ainmean-àite!