Main content

Sùil air a' Mhapa 79

Tha grunn àiteachan ann an Alba air a bheil an t-ainm Stair, no Star. Tha am facal Gàidhlig stair – S-T-A-I-R – a’ ciallachadh ‘stepping stones’ no ‘rough bridge’. No staran – stair bheag – rathad-coiseachd – tro bhoglach. Tha e co-cheangailte ri tar no thar, ‘over, across’.

Faisg air Inbhir Àir, mar eisimpleir, tha Stair. Tha e air bruach na h-aibhne. Mìle no dhà suas an abhainn, tha Stairaird. ʼS e sin Stair Àrd, upper Stair. Ann am Fìobh, faisg air Gleann Rathais, tha Star. Tha e ri taobh boglach, Star Moss. Cuideachd ann am Fìobh, faisg air Cùbar, tha Starr le dà ‘r’. Tha sin a’ ciallachadh ‘crossing over a bog’.

Air ais ann an Siorrachd Àir, ri taobh Loch Dùin, tha baile-fearainn air a bheil Starr mar ainm. Tha seann mhapa a’ sealltainn ‘stepping stones’ air an abhainn faisg air làimh ach cuideachd, timcheall a’ bhaile ‘land liable to flooding’. Tuigidh sibh carson as e Starr a th’ air!

Agus ann an Siorrachd Pheairt tha sgìre bheag faisg air Dùn Chailleann air a bheil Stormont ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig stair agus monadh. Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil e a’ ciallachadh àite far am biodh daoine a’ dol thar a’ mhonaidh. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig Stormont ann an Èirinn a Tuath bhon ainm-àite Albannach. Mar sin leibh an-dràsta.