Main content

Sùil air a' Mhapa 75

Auchinleck. Fìor ainm-àite Gàidhealach a th’ ann, nach e? Tha Auch air a’ Ghalltachd a’ seasamh airson na Gàidhlig achadh ‘field’. Achadh nan Leac ‘the field of the rock slabs’. Tha am baile as aithnichte air a bheil Auchinleck ann an Siorrachd Àir an Ear. Bha an sgrìobhadair ainmeil Seumas Boswell uaireigin a’ fuireach ann an Taigh Mòr Achadh nan Leac.

Ach tha Auchinlecks eile ann. Tha fear ann am baile Ghlaschu. Tha fear eile shìos Abhainn Chluaidh ann am Port Ghlaschu. Tha fear a bharrachd ann an Gall-Ghàidhealaibh, faisg air Bail’ Ùr nan Stiùbhartach. Faisg air làimh, tha beinn air a bheil Strone of Auchinleck. ʼS e sin Sròn Achadh nan Leac, gu litreachail ‘the nose of Auchinleck’. Agus tha Achleck – leis an aon chiall – air taobh siar Mhuile. Cluinnidh sibh uaireannan am fuaimneachadh ‘Affleck’ airson Auchinleck, ach gun teagamh, ʼs ann às a’ Ghàidhlig Achadh nan Leac a thàinig na h-ainmean-àite sin.