Sùil air a' Mhapa 76
Eilrig. A deer-trap. Àite far am biodh daoine a’ sealg nam fiadh le coin. Bhiodh iad ag iomain nam fiadh gu eilrig. Bhiodh daoine eile a’ feitheamh ris na fèidh le boghaichean is saigheadan. Tha grunn àiteachan air a’ Ghàidhealtachd air a bheil An Eilrig ‘the deer trap’ mar ainm. Tha co-dhiù trì ann am Bàideanach. Tha Meall na h-Eilrig ‘the hill of the deer trap’ ann an Athall agus fear eile faisg air Druim na Drochaid, taobh Loch Nis. Air taobh eile Loch Nis tha Lòn na h-Eilrig agus Allt na h-Eilrig, faisg air creag air a bheil Eilrig mar ainm. Tha Tom na h-Eilrig ‘the hillock of the deer trap’ air taobh sear a’ Mhonaidh Ruaidh.
Uaireannan tha dreach Beurla air an ainm E-L-R-I-C-K, Elrick. Tha gu leòr dhiubh anns an Ear-thuath, ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Moireibh. Tha Elrick More agus Elrick Beg – sin Eilrig Mhòr agus Eilrig Bheag – faisg air Obar Pheallaidh ann an Siorrachd Pheairt. Agus tha gu leòr ann an Gall-Ghàidhealaibh far a bheil an dreach Eldrig orra, a’ sealltainn gun robh na seann Ghàidheil a’ dèanamh sealg gu leòr sa mhonadh an sin anns an t-seann aimsir.