Main content

Sùil air a' Mhapa 45

An cuala sibh an samhla cho dubh ris an fhitheach ‘as black as the raven’? Cho dubh ris an fhitheach. Tha am fitheach a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris. Agus tha e a’ nochdadh gu tric air mapaichean na dùthcha. Chì sinn e mar an fhithich ‘of the raven’. Mar eisimpleir Allt an Fhithich ‘the burn of the raven’, Bad an Fhithich ‘the place of the raven’, Biod an Fhithich ‘the pinnacle of the raven’, Geodha an Fhithich ‘the sea-cleft of the raven’ agus Loch an Fhithich ‘the loch of the raven’. ʼS e am facal as trice a tha co-cheangailte ri fitheach – ‘creag’. Tha co-dhiù còig eisimpleirean deug de Creag an Fhithich thar na Gàidhealtachd eadar Siorrachd Shruighlea agus Siorrachd Obar Dheathain. Creag an Fhithich ‘the crag of the raven’.

Chì sinn cuideachd am fitheach ainmichte mar nam fitheach ‘of the ravens’. Mar eisimpleir Beinn nam Fitheach ann an Ìle; Cnoc nam Fitheach ‘the hill of the ravens’ faisg air Na Torran anns an Eilean Sgitheanach agus Tom nam Fitheach ‘the hillock of the ravens’ ann am Muile.