Sùil air a' Mhapa 58
Uaine. Bidh sibh eòlach air an fhacal. Tha e a’ ciallachadh green. ʼS dòcha nach eil e cho cumanta air mapaichean ʼs a bhiodh dùil. Gu tric tha e co-cheangailte ri uisge. Tha Abhainn Uaine ‘green river’ ann an ceann a deas Eilein Leòdhais. Tha Allt Uaine ‘green burn’ anns a’ Ghleann Uaine ann an Comhghal. Tha dà Allt Uaine eile ann am Bàideanach. Gu tuath air Gleann Afraig tha an Loch Uaine agus tha grunn lochan air a bheil an Lochan Uaine. Tha Lochan Uaine ainmeil anns a’ Ghleann Mhòr ann an Srath Spè far am bi mòran a’ snàmh as t-samhradh.
Ann an Cinn Tàile tha an Coire Uaine ‘the green corrie’. Tha e ri taobh coire eile air a bheil an Coire Buidhe ‘the yellow corrie’. Tha mi an dùil gur iad na lusan annta a tha a’ dèanamh an diofair. Tha Bràigh Uaine ‘green upland’ ann an Loch Abar agus Eilean Uaine ‘green island’ ann am Muideart. Agus tha ainm fìor annasach anns na beanntan faisg air ceann a deas Loch Nis – Càrn Odhar Uaine Oisein. Tha mi an dùil gu bheil e a’ ciallachadh ‘the dun coloured hill by Oisean’s green place’. B' e Oisean mac Fhinn MhicCumhail fear de na Fianna.