Main content

Sùil air a' Mhapa 53

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Sgùrr MhicCoinnich anns a’ Chuiltheann. Ach an cuala sibh mu Sgùrr Nighean MhicCoinnich? The peak of MacKenzie’s daughter. Sgùrr Nighean MhicCoinnich. Tha e deas air Loch Mhòrair ann an Loch Abar. Tha Loch Nighean Ailein ‘Allan’s daughter’s loch’ ann an Diùra. Anns an Eilean Sgitheanach, tha Loch Nighean Fhionnlaidh ‘Finlay’s daughter’s loch’ agus Leacann Nighean an t-Siosalaich ‘the slope of Chisholm’s daughter’. Mar as trice chan eil fios againn cò bh’ anns na nigheanan sin.

Tha am facal nighean a’ nochdadh gu tric ann an ainmean-àite. Air mòinteach Sgìr’ Ùige ann an Leòdhas tha Àirighean Bò Nighean Mhuirich ‘the shielings of the cow of Muireach’s daughter’. Tha nighean cuideachd a’ ciallachadh ‘girl’ – mar eisimpleir ann an Dùn nan Nighean ‘the fort of the girls’ ann an Ìle, Cruach nan Nighean ‘the hill of the girls’ faisg air Loch Obha agus Loch nan Nighean ‘the loch of the girls’ ann an Siorrachd Pheairt. Tha Eilean na Nighinn ‘the island of the girl’ agus Bealach na Nighinn ‘the pass of the girl’ air tìr-mòr Earra-Ghàidheal, agus tha Uamh na Nighinn ‘the cave of the girl’ air costa sear Mhuile. ʼS iomadh ‘nighean’ a th’ againn air mapaichean na h-Alba!