Sùil air a' Mhapa 66
ʼS e fraoch, lus cho cumanta ʼs a th’ againn ann an Alba. Heather. Fraoch. Tha am facal a’ nochdadh gu tric air ar mapaichean. Mar eisimpleir tha grunn choireachan ann air a bheil Fraoch-choire ‘heather corrie’ mar ainm. Tha fear anns an Eilean Sgitheanach, agus tha na dhà faisg air Gleann Afraig a tha a’ toirt ainmean do bheanntan – Stùc Fraoch-choire agus Mullach Fraoch-choire. Tha amharas agam gum b’ iad na coireachan sin àiteachan far am biodh daoine a’ cruinneachadh fraoch airson tughadh is eile.
Tha tòrr eileanan beaga ann air a bheil Fraoch Eilean. Corra uair, ʼs e Eilean an Fhraoich a th’ air eilean air a bheil tòrr fraoich. Agus ʼs ann mar sin a bhios fraoch a’ nochdadh gu tric – mar an fhraoich ‘of the heather’. Tha Loch an Fhraoich ‘the loch of the heather’ ann an Leòdhas – agus ʼs e Eilean an Fhraoich an t-ainm bàrdail air Eilean Leòdhais fhèin. Tha Creag an Fhraoich ‘heather crag’ ann an Ros an Iar. Agus tha ainm-àite snog ann am Bàideanach – Meall Dubh Ruigh an Fhraoich ‘the dark rounded hill of the heather slope’. Meall Dubh Ruigh an Fhraoich. Mar sin leibh an-dràsta.