Sùil air a' Mhapa 68
ʼS e ainm-àite inntinneach a th’ ann an Lesmahagow, baile beag ann an Siorrachd Lannraig a Deas. Ann an Gàidhlig, canaidh sinn an-diugh Lios MoChuda ris – a’ ciallachadh ‘the garden or enclosure of St Mo Chuda’. Cò bh’ ann am Mo Chuda? Uill, tha mòran dhen bheachd gur e naomh Breatannach – Cuimreach – a bh’ ann dom b’ ainm Machutus ann an Laidinn. Tha dualchas làidir aige anns a’ Bhreatainn Bhig far an deach e anns an t-siathamh linn. Anns a’ Bhreatainn Bhig, tha na daoine a’ gabhail St Malo air ann am Fraingis.
Ach tha beachd eile ann – gum b’ e Naomh Èireannach dhen t-seachdamh linn Féchin – a thug ainm don bhaile. Bha an t-ainm adhrachail no 'devotional name' Mo Fhégu aige. Bhiodh sin na b’ fhaisge air ‘hagow’ ann an Lesmahagow. MoChuda? Mo Fhégu? Chan urrainn dhomh a ràdh cò tha ceart is cò tha ceàrr. Ach tha dualchas Ceilteach aig an àite, le cinnt, eadar Breatannach is Gàidhlig.