Main content

Sùil air a' Mhapa 72

Chan eil mòran àiteachan gu tuath air Taigh Iain Ghròt air tìr-mòr na h-Alba. Tha e air costa a tuath Ghallaibh. Taigh Iain Ghròt – ach canaidh sinn Taigh ʼan Ghròt. Ann am Beurla John O’ Groats. Tha am baile ainmichte air fear Dùitseach Jan de Groot a bha a’ ruith seirbheis aiseig às a sin gu ruige Arcaibh. Bha sin aig deireadh a’ chòigeamh linn deug.

Bha taigh aige ann a bha ainmeil. Bha seachdnar ghillean aige a bhiodh ag argamaid mu cò aig an robh prìomhachas. Thog Jan – Iain – an taigh le ochd taobhan air, agus ochd dorsan, gus am biodh a ghillean co-ionann ri chèile agus ris fhèin! Bha an taigh cho ainmeil ʼs gun tug na Gàidheil an t-ainm Taigh ʼan Ghròt don bhaile.

Ge-tà, leis gun robh e cho iomallach – agus gun Gàidhlig – bhiodh na seann Ghàidheil ag ainmeachadh an àite ann an co-cheangal ri mallachd. Mar eisimpleir, Cuiridh mi a Thaigh Iain Ghròt thu 'I’ll send you to John O’Groats!' Ach, anns an latha an-diugh, chan eil an t-àite cho dona sin idir! Mar sin leibh an-dràsta.