Main content

Sùil air a' Mhapa 61

An t-seachdain sa chaidh, dh’ainmich mi Rubha Alltan Pheadair ‘the point of Peter’s burn’. Tha am facal rubha – R-U-B-H-A – gu math cumanta. Tha e a’ ciallachadh ‘pìos fearainn a tha a’ stobadh a-mach don uisge, mar as trice don mhuir’. ʼS e am fear as ainmeile ‘An Rubha’ faisg air Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Canaidh sinn ‘Rubhach’ ri cuideigin às an Rubha. Tha àite eile air a bheil An Rubha ann an eilean Cholbhasa ann an Earra-Ghàidheal.

Ann an Eadar-dha-Chaolas, ann an iar-thuath na Gàidhealtachd, tha Cnoc an Rubha ‘the hill of the point’. Aig Ach na h-Àirde anns a’ Chòigich faisg air Ullapul, tha Cnoc Mòr an Rubha Bhig ‘the big hill of the small point’. Tha Cnoc Mòr eile faisg air làimh. Tha Cnoc Mòr an Rubha Bhig faisg air rubha air a bheil ‘An Rubha Beag’.

Ann an Rùm, tha Rubha na Mòine ‘the point of the peat’. Faisg air sin, tha Rubha a’ Mhoil Ruaidh ‘the point of the reddish shingle’. Tha an Rubha Bàn ‘fair point’ ann an Geàrrloch. Faisg air sin tha Druim an Rubha Bhàin ‘the ridge of the fair point’. Agus seo agaibh dà ainm-àite à Ìle – Rubha na Faoileige ‘the point of the seagull’ agus Rubha nan Sgarbh ‘the point of the cormorants’.