Sùil air a' Mhapa 85
A bheil sibh eòlach air Portavadie ann an Comhghall, ann an Earra-Ghàidheal? Tha bàt’-aiseig a’ ruith eadar Portavadie agus Tairbeart Loch Fìne. ʼS e Port a’ Mhadaidh a th’ ann ann an Gàidhlig, agus tha cuid dhen bheachd gu bheil e a’ ciallachadh ‘the harbour of the wolf’. Ach chan eil fhios agam a bheil fianais aca airson sin.
ʼS e madadh seach cù a chanadh muinntir Arainn airson ‘dog’. Chan eil Comhghall uabhasach fada bho Arainn. ʼS dòcha gur e direach ‘the harbour of the dog’ a tha Port a’ Mhadaidh a’ ciallachadh. Mas e sin a th’ ann, tha amharas agam gu bheil e co-cheangailte ri seann sgeulachd. Faisg air làimh tha Tòrr an Tuirc ‘the hill of the wild boar’. Mar as trice, tha ainm-àite mar sin co-cheangailte ris an sgeulachd ‘Diarmad agus Gràinne’. Thug an torc bàs don ghaisgeach Diarmad.
Faisg air Port a’ Mhadaidh tha grunn ainmean-àite co-cheangailte ri nàdar – Lùb na Faochaige ‘the bend of the winkle’, Eilean na Beithe ‘the island of the birch’, Eilean a’ Bhuic ‘the island of the buck’, Bàrr nan Damh ‘the summit of the stags’ agus Port Ghabhar ‘goat harbour’. Ach ʼs e Port a’ Mhadaidh as inntinnich’ a th’ ann. Bu mhath leam faighinn a-mach an robh e ainmichte airson madadh-allaidh no dìreach cù!