Main content

Sùil air a' Mhapa 82

Cia mheud àite ann an Alba air a bheil an t-ainm Laggan ann am Beurla? Tha gu leòr ann, nach eil? Tha na h-ainmean a’ tighinn bhon Ghàidhlig lagan – a’ ciallachadh lag bheag – no ‘little hollow’. Tha Laggan ann an Ìle, faisg air a’ phort-adhair agus fear eile deas air an Òban. Tha fear ann an Gleann Fhiodhaich no Glen Fiddich, agus fear eile taobh a-muigh Craoibh ann an Siorrachd Pheairt. Agus tha gu leòr leòr eile ann.

Uaireannan tha buadhair an sàs leis an fhacal lagan. Tha Lagganlia – an Lagan Liath ‘the grey little hollow’ ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh. Ann an Lathairne, tha Lagganmore is Lagganbeg faisg air a chèile. Tuigidh sibh gur iad sin An Lagan Mòr agus An Lagan Beag.

Tha e fìor inntinneach cho pailt ʼs a tha am facal air mapa Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh. Tha co-dhiù co-dhiù deich àiteachan air a bheil Laggan mar ainm. Mar eisimpleir, tha dà àite faisg air a chèile – Black Laggan agus White Laggan. Tha mi an dùil gum b’ iad sin bho thùs An Lagan Dubh agus An Lagan Bàn.

Agus tha Laggan ann am Bàideanach. ʼS e an t-ainm slàn air ann an Gàidhlig – Lagan Choinnich ‘Kenneth’s wee hollow’. Sin e bhuams’ an-dràsta. Mar sin leibh.