Sùil air a' Mhapa 37
Faisg air Ceann Loch Gilp ann an Earra-Ghàidheal, tha Loch Gair. ʼS e loch-mara a th’ ann. Ann an Gàidhlig, An Loch Geàrr. The short loch. Agus chan eil e fada idir. Gu tric ann an ainmean-àite mar seo, bidh Geàrr a’ tighinn an toiseach. Geàrr Loch – the short loch. Ann am Beurla – Gairloch. Tha fear ann an Ros an Iar agus fear eile faisg air Bail’ Eilidh air Chluaidh. Tha na lochan-mara sin nas giorra na na lochan eile faisg orra.
Air taobh an iar na Gàidhealtachd, faisg air a’ Mhorbhairne, tha sgìre ris an canar Kingairloch. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Ceann Gheàrr-loch. Tha e aig ceann loch beag. An-diugh, ʼs e Loch a’ Choire a th’ air an loch. Ach faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e an Geàrr Loch a chanadh daoine ris o shean.
Air taobh eile na dùthcha, taobh a-muigh Obar Dheathain, tha baile-fearainn air a bheil Gairloch. Tha e ri taobh loch-uisge ris an canar Loch of Skene an-diugh. Ach, an e an Geàrr Loch a chanadh muinntir an àite ris an loch nuair a bha Gàidhlig aca? Faisg air làimh, tha Gairlogie. Sin Geàrr Lagaidh ‘short hollow’. Mar sin leibh uile.