Sùil air a' Mhapa 1
Dè a’ Ghàidhlig air ‘mountain’? O chionn ghoirid, chuir fear a’ cheist sin orm – ann am Beurla. Fhreagair mi, ‘Dè an seòrsa mountain?! Tha còrr is ceud facal againn ann an Gàidhlig airson ‘mountain’ no ‘hill’!
Bidh sibh eòlach air an fhacal beinn. Mar eisimpleir Beinn nan Lus ann am Muile. Beinn nan Lus.
Canaidh sinn ‘beinn’ an-diugh. Ach bha na seann daoine ag ràdh, ‘beann’. Beann. Cluinnidh sinn ‘beann’ fhathast. Mar eisimpleir, ma tha sinn a’ gabhail deoch-slàinte, faodaidh sinn seo a ràdh – ‘Tìr nam Beann, ’s nan Gleann ’s nan Gaisgeach!’ – the land of the mountains, the glens and the heroes. Tìr nam Beann, ’s nan Gleann ’s nan Gaisgeach.
An toiseach bha ciall eile air beann. Bha e a’ ciallachadh ‘adharc’ – an animal’s horn. Mar sin, tha beannach a’ ciallachadh ‘horned’. Beannach.
Airson ‘on the mountain’, bha daoine ag ràdh, ‘air a’ bheinn’. Cha robh iad ag ràdh, ‘air a’ bheann’. Tha adhbhar gramataigeach airson sin. Ach fàgaidh mi sin aig Oisean a’ Ghràmair, ’s dòcha! Co-dhiù, bha daoine ag ràdh, ‘Bidh mi air a’ bheinn a-màireach’, ‘Tha sneachd air a’ bheinn.’ Agus dh’atharraich beann gu beinn.
Air ais gu Beinn nan Lus ann am Muile. A bheil sibh a’ tuigsinn ciall an ainm? Tha lus a’ ciallachadh ‘plant’ no ‘herb’. Beinn nan Lus – the mountain of the plants. Àite math airson lusan fhaicinn!