Main content

Sùil air a' Mhapa 31

Tha àite air a’ Chomraich ris an canar An Àirigh Dhriseach. A bheil sibh eòlach air an fhacal àirigh – àite far am biodh daoine a’ dol as t-samhradh le crodh. A shieling. Tha dris a’ ciallachadh ‘bramble bush’, agus tha driseach a’ ciallachadh ‘brambly’. ʼS e facal boireanta a th’ ann an àirigh. Mar sin, ʼs e an t-eadar-theangachadh air Àirigh Dhriseach – ‘brambly shieling’.

Chaidh baile croitearachd a stèidheachadh ann o chionn fhada. A-nise chan eil duine a’ fuireach ann. Ach ghlèidh an t-àite a sheann ainm nuair as e àirigh a bh’ ann.

Tha iomadh eisimpleir de dh’àirighean air mapaichean na Gàidhealtachd. Bha mi a’ coimhead air mapa de dh’Eilean Leòdhais. Ann an sgìre nan Loch, faisg air Grabhair, lorg mi tè. Agus dè an t-ainm a th’ oirre? Tha – An Àirigh Dhriseach. An aon rud! Agus ri a taobh, tha gleann – Gleann na h-Àirigh Drisich.

Nise, air Àirigh Dhriseach na Comraich, tha an dris fhathast a’ fàs ann. Chunnaic mi e le mo shùilean fhèin. Saoil a bheil e fhathast a’ fàs air Àirigh Dhriseach Ghrabhair? Feumaidh mi a dhol ann nuair a bhios na smeuran abaich!