Main content

Sùil air a' Mhapa 26

Tobar. Àite far am biodh daoine a’ togail uisge. Tha mòran ainmean-àite anns a bheil am facal tobar. ’S e am fear as ainmeile dhiubh – Tobar Mhoire ann am Muile. Tobermory, the well of the Virgin Mary.

A’ fuireach ann am Muile, tha seann tobar shuas anns a’ mhonadh air a bheil Tobar an Ime ‘the spring of the butter’. Tobar an Ime. Tha mi dhen bheachd gun robh daoine a’ dèanamh ìm nuair a bha iad air an àirigh. Ann an eilean eile – Colbhasaigh – faisg air a’ phort-adhair, tha an Tobar Fuar. Feumaidh gu bheil an t-uisge ann gu math fuar. An Tobar Fuar.

Anns an Eilean Sgitheanach, tha Tobar nan Uaislean ‘the well of the gentry’ agus Tobar na Slàinte ‘the well of health’. Ann an Ros an Ear, faisg air Seannduaig, tha tobar eile air a bheil Tobar na Slàinte. Bha daoine a’ creidsinn gun robh an t-uisge ann math don slàinte.

Agus, mu dheireadh, tha baile beag ann an Eilean Luinn ann an Earra-Ghàidheal air a bheil Toberonochy ann am Beurla. ’S e sin Tobar Dhonnchaidh ‘Duncan’s well’. Tobar Dhonnchaidh. Mar sin leibh an-dràsta.