Sùil air a' Mhapa 14
Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Tasmania, ’s iomadh beinn air an robh mi a bh’ air a h-ainmeachadh an dèidh rìgh no banrigh no neach ainmeil ann an eachdraidh na h-Ìmpireachd. Mar eisimpleir, Mount King William, Mount Victoria, Mount Wellington. Cha b' e sin an cleachdadh aig na Gàidheil, ge-tà. ’S e glè bheag de dh’ainmean-àite mar sin a th’ againn air a’ Ghàidhealtachd.
Anns an Eilean Sgitheanach, tha cuid de mhullaichean anns a’ Chuiltheann a’ giùlain ainmean sreapadairean ‘climbers’. Mar eisimpleir, Sgùrr Alasdair. Tha sin air ainmeachadh airson Alasdair MhicNeacail, Sgitheanach agus sàr-Ghàidheal. Dhìrich e a’ bheinn anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ’s a trì. Roimhe sin, ’s e an Sgùrr Biorach a bh’ air a’ bheinn mar ainm. Bha Sgùrr Thormaid air ainmeachadh airson Tormod Collie, streapadair ainmeil. Agus fhuair Sgùrr MhicCoinnich ainm bho Iain MacCoinnich, fear-iùil nam beann.
Tha Beinn Fhionnla’ air tìr-mòr, tuath air Gleann Afraig. Fhuair i a h-ainm bho fhear ainmeil Fionnla’ MacRath – Fionnla’ Dubh nam Fiadh. Bha e beò anns an t-siathamh linn deug. ’S e sealgair a bh’ ann. Dhìon e an dùthaich aige bho dhaoine eile. ‘He protected his country from others’. Dhìon e an dùthaich aige. Thàinig fear a shealg ann. Mharbh Fionnla’ e. ’S e duine cruaidh a bh’ ann. ’S dòcha gun robh e coltach ri rìgh anns an dùthaich aige fhèin! Co-dhiù, ’s e Beinn Fhionnla’ a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh.