Main content

Sùil air a' Mhapa 8

Tha coin air an ainmeachadh gu tric air mapaichean na Gàidhealtachd. Ach na coimheadaibh airson an fhacail ‘cù’. Chan eil e ann. Gheibh sibh e, ge-tà, le riochd eadar-dhealaichte air – a’ choin ‘of the dog’ – a’ choin. No nan con – ‘of the dogs’ – nan con.

Tha Allt a’ Choin anns na Tròisichean – the Trossachs. Allt a’ Choin ‘the burn of the dog’. Tha Loch a’ Choin faisg air Gearraidh na h-Aibhne ann an Leòdhas – Loch a’ Choin. Tha Loch a’ Choin Bhàin – the loch of the white dog – faisg air Ceann Loch Iù – Loch a’ Choin Bhàin. Agus tha allt gu h-àrd anns a’ Mhonadh Ruadh – the Cairngorms. ’S e an t-ainm air Uisge Dubh Poll a’ Choin – the dark stream of the bogland of the dog – Uisge Dubh Poll a’ Choin.

Ann am Morbhairne, tha Caisteal nan Con – the castle of the dogs – Caisteal nan Con. Tha Coire nan Con faisg air Loch Seile – the corrie of the dogs. Agus ann an Dùthaich MhicAoidh – north Sutherland – tha Ùidh nan Con Luatha – ‘the stream of the swift dogs’ – Ùidh nan Con Luatha.

Carson a tha coin air an ainmeachadh cho tric air a’ mhapa? Uill, bha iad cudromach ann an sealg. Agus bha iad cudromach ann am beul-aithris. Mar eisimpleir, bha Bran, an cù aig Fionn MacCumhail, ainmeil am measg nan Gàidheal. Agus tha aon rud anns a’ chumantas eadar Bran agus an cù agam fhìn. Cha do thuig iad facal dhen Bheurla! Beannachd leibh.