Main content

Sùil air a' Mhapa 20

Cuin a chuala sibh a’ chiad chuthag am-bliadhna? Tha mi an dòchas gun robh biadh nur stamaig! Tha e mì-fhortanach a bhith a’ cluinntinn na ciad chuthaig sa bhliadhna ‘gun bhiadh nur broinn’ – without food in you. Bha a’ chuthag riamh cudromach do na Gàidheil agus tha i ann an grunn ainmean-àite.

Faisg air Sgobhraidh, tha Cnoc na Cuthaige, the hill of the cuckoo. Tha Creag na Cuthaige, the crag of the cuckoo, faisg air Ùig anns an Eilean Sgitheanach. Tha dà lochan faisg air a chèile sa mhonadh ann an Suaineart ann an Earra-Ghàidheal. Tha iad a’ giùlan aon ainm eatarra – Lochain na Cuthaige – the lochans of the cuckoo. Agus tha Loch Cuthaig faisg air Bail’ Ailein ann an Eilean Leòdhais.

Agus tha ainm-àite snog ann an Cinn Tìre – air a’ chladach an ear – Port na Cuthaig. Nach biodh e math a bhith a’ seòladh a-steach ann air latha samhraidh agus ‘gug-gùg’ aig a’ chuthaig air tìr! Mar sin leibh an-dràsta.