Main content

Sùil air a' Mhapa 2

Cia mheud dath a th’ air a’ mhapa co-cheangailte ri ‘loch’? Tha gu leòr ann! An toiseach ‘loch dubh’. Dark no black loch. Tha na ficheadan ann. Dè bhios a’ dèanamh loch ‘dubh’? Dà rud. Uisge mòineach – peaty water. Agus ma tha an loch ann an àite dorch. Tha lochan ann cuideachd air a bheil ‘Dubh-loch’, le dubh aig an toiseach.

Tha dà loch ann an Leòdhas air a bheil Loch Geal. Gu tuath air Loch Laomainn, tha an Geal Loch. Tha an Geal Loch faisg air an Dubh Lochan. Ach tha an Dubh Lochan ann an àite dorch. Agus tha e nas lugha – tha ‘lochan’ nas lugha na ‘loch’.

Tha Loch Uaine faisg air Gleann Afraig. ’S dòcha gur e mèinnirean – minerals – a tha a’ dèanamh an uisge uaine. Ach dè bhios a’ dèanamh loch ‘buidhe’? ’S dòcha lusan – còinneach no feur ri taobh an locha. Tha an t-ainm-àite ‘Loch Buidhe’ cumanta.

Tha lochan ann air a bheil Loch Gorm no Gorm-loch. Ach a bheil gorm a’ ciallachadh blue no green? Chan eil e soilleir bhon mhapa. Bha Loch Gorm ann an Inbhir Nis aig aon àm. ’S e ‘green loch’ a bha sin.

Tha grunn lochan ann air a bheil Loch Dearg. ’S dòcha gu bheil a’ chreag timcheall an locha car dearg.

Agus seallaibh na dathan eile a chì sinn – Fionn Loch, Glas-loch, Loch Liath, Loch Odhar agus Loch Ruadh. Tha daoine ag ràdh gu bheil uisge gun dath. Ach tha lochan na h-Alba ioma-dhathach!