Sùil air a' Mhapa 33
Ma chì sibh am facal dòirlinn air a’ chairt-dùthcha – no air a’ chairt-mhara – bidh fios agaibh gur e àite brèagha a th’ ann. ’S e dòirlinn àite far am bi eilean beag air a cheangal gu tìr le gainmheach no mol. Aig a’ mhuir-tràigh, bidh e a’ tiormachadh, gu ìre co-dhiù. Bidh comas aig daoine a choiseachd a-mach don eilean an uair sin. Aig a’ mhuir-làn, bidh caolas ann eadar an t-eilean agus tìr-mòr. ’S e sin dòirlinn. Ann am Beurla, bidh cuid ag ràdh ‘tidal causeway’ no ‘tidal island’ ris.
Tha grunn eisimpleirean air taobh an iar na dùthcha. Tha tè eadar Lios Mòr agus eilean beag air a bheil Beàrnaraigh mar ainm. Tha dòirlinn ann an Loch Suaineart, eadar tìr-mòr agus Eilean Orasaigh. Ann an Loch Tairbeart an Iar, tha tè ann eadar tìr-mòr agus Eilean Tràighe. Agus tha doirlinn uabhasach brèagha, le tràigh ghainmhich, eadar Giogha agus an t-Eilean Garbh. Chì sibh gu bheil am facal pailt ann an Earra-Ghàidheal. Coimheadaibh air a’ mhap airson eisimpleirean. Air latha samhraidh, tha e math a bhith a’ coiseachd no a’ grunnachadh air dòirlinn.