Sùil air a' Mhapa 15
Motherwell ann an Siorrachd Lannraig. Tobermory ann an Muile. Dè tha anns a’ chumantas eadar an dà ainm sin? Uill, tha iad an ìre mhath co-ionann. Tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘well of the Virgin Mary’. ’S e a’ Ghàidhlig air Motherwell Tobar na Màthar ‘the well of the mother’. Tha an t-ainm a’ comharrachadh seann tobar a bha co-cheangailte ri Moire, Màthair Ìosa. Bha an tobar far a bheil Ladywell Road an-diugh. Tha Ladywell cuideachd a’ ciallachadh ‘Tobar na Màthar’. Tha grunn àiteachan ann am Breatainn air a bheil ‘Ladywell’ mar ainm. Bha na seann daoine gu tric a’ dèanamh ceangal eadar tobraichean agus naomh, no pearsa às a’ Bhìoball. Bha tobraichean fìor chudromach agus bha feadhainn dhiubh prìseil do na daoine eadhon mus tàinig Crìosdachd.
Agus Tobermory ann am Muile? Uill, tha sin follaiseach gu leòr, nach eil? Tobar Mhoire ‘the well of Mary’. A-rithist bha tobar ann a bha co-cheangailte ri Moire.
Chan eil baile seach baile – Tobar na Màthar no Tobar Mhoire – a’ nochdadh air na mapaichean as sine de dh’Alba. Cha robh na bailtean mòr aig an àm sin. Tha iad a’ nochdadh anns an t-seachdamh agus san ochdamh linn deug – ach chanainn gun robh na h-ainmean fhèin air bilean an t-sluaigh airson ùine mhòr roimhe sin. Agus air na fìor sheann mhapaichean, chan e ‘Mull’ a th’ air an eilean, ach ‘Mula’ – coltach ris a’ Ghàidhlig. Tapadh leibh airson èisteachd.