Main content

Sùil air a' Mhapa 13

An innis ainmean-àite dhuinn mu mar a bha ainmhidhean air an sgapadh anns an t-seann aimsir? O chionn ceithir bliadhna, chaidh obair inntinneach fhoillseachadh mu iolairean. Bha an luchd-rannsachaidh a’ toirt sùil air ainmean-àite anns a bheil am facal ‘iolaire’.

Tha trì seòrsaichean iolairean ann an Alba – an iolaire bhuidhe ‘golden eagle’, an iolaire-mhara ‘sea eagle’ agus an iolaire-iasgaich ‘osprey’. Ge-tà, ann an ainmean-àite, chan eil ann ach ‘iolaire’. Chan eil an t-ainm ag innse dè an seòrsa a th’ ann. Seo eisimpleir no dhà: Beinn na h-Iolaire ‘the mountain of the eagle’ ann am Muile, Càrn na h-Iolaire ‘the hill of the eagle’ ann am Moireibh agus Creag na h-Iolaire ‘the crag of the eagle’ ann an Siorrachd Pheairt. Ach dè an iolaire a tha iad ag ainmeachadh?

Chan eil fios le cinnt gu bheil an iolaire iasgaich air a h-ainmeachadh air a’ mhapa. Tha taghadh againn, ma-thà, eadar an iolaire-bhuidhe agus an iolaire-mhara. Thug an luchd-rannsachaidh sùil air gach ainm-àite. Nuair a bha e àrd agus fad’ air falbh bho uisge, ’s e an iolaire-bhuidhe a bh’ ann. Gu h-ìosal, agus faisg air a’ mhuir no air loch, b’ e sin an iolaire-mhara. Agus thug iad sùil air a h-uile cànan anns an dùthaich, a bharrachd air a’ Ghàidhlig.

Agus dè an cò-dhùnadh a bh’ aca? Uill, tha ainmean-àite iolairean pailt. Anns a’ bhliadhna còig ceud an dèidh Chrìosda, bha iolairean beò anns a h-uile sgìre de dh’Alba bho na Crìochan gu Sealtainn. Mar sin leibh.