Sùil air a' Mhapa 32
Tha e iongantach cho tric ʼs a tha an facal cuileann a’ nochdadh air ar mapaichean. Tha e a’ ciallachadh ‘holly. A’ chraobh-chuilinn ‘the holly tree’. Ged a tha a’ chuid as motha de na h-eisimpleirean air a’ Ghàidhealtachd, tha co-dhiù aonan ann am Fìobha. ʼS e Culross baile beag air cladadh Linne Fhoirthe. Tha ainm a’ tighinn bho Cuileann-Ros ‘holly point’.
Faisg air ceann a tuath Loch Laomainn, tha Coire a’ Chuilinn agus Allt a’ Chuilinn – the corrie and burn of the holly. Air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal, tha Leitir a’ Chuilinn ‘the slope of the holly’. Ann an Àird Ghobhar, tha Camas a’ Chuilinn. Agus tha dà ‘Eilean a’ Chuilinn’ ann – fear dhiubh ann an Cnòideart agus fear eile ann an Loch Suaineart.
Uaireannan, bidh craobhan-cuilinn a’ fàs ann an doire – coille bheag no dìreach bad chraobhan. Tha àite ann am Muile air a bheil Doire a’ Chuilinn. Agus ann an ceann a tuath Loch Abar, tha Sròn a’ Chuilinn ‘the nose or mountain-end of the holly’ agus Glac a’ Chuilinn ‘the hollow of the holly’. Tha na h-ainmean-àite a’ dearbhadh gu bheil a’ chraobh-chuilinn a’ fàs ann an iomadh seòrsa àrainn.