Main content

Sùil air a' Mhapa 35

Ri taobh rathad an A9 aig Druim Uachdair tha beinn ainmeil. An Torc. No Torc Bhàideanach. The Boar of Badenoch. Carson a tha an t-ainm sin air a’ bheinn? Tha, a chionn ʼs gu bheil cumadh na beinne car coltach ri cumadh tuirc. Ri taobh na beinne, tha Coire an Tuirc ‘the corrie of the boar’ agus Allt an Tuirc ‘the burn of the boar’.

Gu tric tha an torc air ainmeachadh air aghaidh na tìre oir tha e co-cheangailte ri seann sgeulachd. Gu h-àraidh an sgeulachd ‘Diarmad agus Gràinne’. Tha an laoch, Diarmad, a’ faighinn bàs air sàillibh torc. ʼS e eisimpleir dhiubh Càrn an Tuirc faisg air Gleann Sìth. An sin, tha bàs Dhiarmaid co-cheangailte ri Beinn Ghulbainn.

Tha eisimpleir ann an Dùthaich MhicAoidh – àite eile far a bheil ‘Diarmad agus Gràinne’ stèidhichte. An sin tha Sròn an Tuirc agus Loch an Tuirc. Tha iad faisg air Beinn Laghail far an d’ fhuair Diarmad ‘bàs’.

Agus ri taobh Loch nan Eala ann an Gleann Lonain, faisg air an Òban, tha Tòrr an Tuirc, ‘the hill of the boar’ – àite eile far an d’ fhuair Diarmad bàs, a rèir beul-aithris. ʼS e a fhuair bàs ann am mòran àiteachan!