Main content

Sùil air a' Mhapa 18

Tha abairt ann – cho fallain ri breac. Nise tha a’ bhreac a’ ciallachadh ‘smallpox’ agus chan eil sin idir fallain! Ach, tha an abairt a’ ciallachadh ‘as fit as a trout – no ’s dòcha salmon’. Cho fallain ri breac. Tha breac cuideachd a’ ciallachadh ‘speckled’. A speckled fish – breac. A man pock-marked with smallpox – fear breac.

Tha breac air leth cumanta mar bhuadhair – no adjective – air mapaichean na Gàidhealtachd. Tom Breac – speckled hillock. Meall Breac – big speckled hill. Beinn Bhreac – speckled mountain. Dè tha gam fàgail breac? Creagan, ’s dòcha. Lusan, ma dh’fhaodte. Canaidh sinn mu choille no pàirc a tha làn fhlùraichean gu bheil i ‘breac le sòbhragan’ no ‘breac le neòineanan’ – studded with primroses or daisies.

Tha am facal breac gu tric co-cheangailte cuideachd ri lochan no uillt – lochs and burns. Mar eisimpleir tha Lochan Dubh nam Breac – the dark lochan of the trout – faisg air an Ath Leathann anns an Eilean Sgitheanach. Tha Loch nam Breac Buidhe ann am meadhan Earra-Ghàidheal. Saoil a bheil na bric ann fhathast buidhe? Agus carson? Mar iasgair, ’s fheàrr leam fhìn Loch nam Breac Reamhra. Tha e faisg air an Òban, ach chan eil mi a’ dol a dh’innse dhuibh càite!