Sùil air a' Mhapa 10
Tha dà bheinn ri taobh a chèile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh air a bheil Meikle Mulltaggart agus Little Mulltaggart. Tha iad faisg air Bail’ Ùr nan Stiùbhartach, Newton Stewart. Tha Mulltaggart a’ tighinn bhon Ghàidhlig, Maol an t-Sagairt no ’s dòcha Meall an t-Sagairt ‘the hill of the priest’. Anns an t-seann aimsir, ’s dòcha gur e Maol an t-Sagairt Mòr agus Maol an t-Sagairt Beag a bh’ air an dà bheinn. Chan eil càil iongantach mu dheidhinn sin. Tha ainmean-àite Gàidhlig pailt ann an Gall-Ghàidhealaibh.
Aig ceann eile na dùthcha, ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Càrn an t-Sagairt Mòr agus Càrn an t-Sagairt Beag – the large and small hills of the priest. Tha iad ri taobh a chèile agus tha fear nas àirde na ’n fhear eile. Mar a tha Meikle Mulltaggart agus Little Mulltaggart. Ann an Uibhist a Tuath tha dà chnoc ann. Tha òrdugh nam faclan eadar-dhealaichte. ’S e Cnoc Mòr an t-Sagairt agus Cnoc Beag an t-Sagairt a th’ orra ‘the large and small hills of the priest’. Tha iad faisg air Loch an t-Sagairt.
Tha am facal sagart ‘priest’ a’ nochdadh gu tric air a’ mhapa. Tha Coire an t-Sagairt ‘the corrie of the priest’ faisg air Sligeachan anns an Eilean Sgitheanach. Tha creag air cladach Mhuile air a bheil Caisteal Uaimh an t-Sagairt ‘the castle of the cave of the priest’. Agus ainm eile à Gall-Ghàidhealaibh – Auchentaggart. Achadh an t-Sagairt ‘the field of the priest’. Mar sin leibh an-dràsta.