Sùil air a' Mhapa 36
Bha eich gu leòr aig daoine aig aon àm. Mar sin, tha am facal ‘each’ cumanta air mapaichean na dùthcha. Gu tric tha e a’ nochdadh anns an dreach nan each, ‘of the horses’. Ann am Muile tha Achadh nan Each ‘the field of the horses’. Agus tha co-dhiù trì uillt ann an Alba air a bheil Allt nan Each, ‘the burn of the horses’.
Ann an Àird nam Murchan tha bealach eadar Cathair Mhic Dhiarmaid agus Beinn an Leathaid. ʼS e an t-ainm a th’ air Bealach nan Each. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an rathad a bha daoine a’ gabhail le eich.
ʼS dòcha gur e Muile an t-àite as motha far a bheil ainmean-àite le ‘each’. Faisg air a’ Bheinn Mhòir, tha Coire nan Each ‘the corrie of the horses’. Gu siar air sin tha coire eile air a bheil Coire nan Each. Tha dà eisimpleir de Coire nan Each ann am meadhan an eilein, fear ann an ceann a deas an eilein, fear faisg air Fisinis, agus fear eile faisg air Creag an Iubhair. Bha eich gu leòr aig na Muilich anns na seann làithean!