Main content

Sùil air a' Mhapa 27

Nuair a bheir sibh sùil air an fhacal reamhar ann am faclair, gheibh sibh a’ chiall ann am Beurla ‘fat, plump’. ʼS dòcha gum bi sibh eòlach air an abairt ‘cho reamhar ri ròn’ ‘as fat as a seal’. Ge-tà, tha am facal reamhar cuideachd air ar mapaichean. Mar eisimpleir An t-Sròn Reamhar ‘the broad headland’. Sin Stranraer ann am Beurla. Tha reamhar cuideachd a’ ciallachadh ‘broad’ no ‘rounded’.

Chì sinn sin ann an Ìle. Anns an Loch Ghorm, tha dà àird ri taobh a chèile – an Àird Chaol agus an Àird Reamhar – the narrow and broad promontories. Tha iomadh cnoc air a’ Ghàidhealtachd air a bheil an Cnoc Reamhar. The rounded hill. Agus tha Tom Reamhar ‘rounded hillock’ ann an Raineach ann an Siorrachd Pheairt.

Tha ceist agam dhuibh. Tha na ficheadan de dh’ainmean beinne ann an Gàidhlig – eadar beinn, meall, stob, càrn, sgùrr is eile. Cò am fear as trice a tha ceangailte ris an fhacal reamhar? Uill, ʼs e am fuasgladh meall. Tha còrr is fichead beinn ann an Alba air a bheil Am Meall Reamhar. Dh’fhaodadh tu ràdh ann am Beurla gur e ‘extremely rounded hill’ a bhiodh air! Am Meall Reamhar.