Sùil air a' Mhapa 23
Bidh daoine a’ bruidhinn mu Ganavan Sands faisg air an Òban. Àite brèagha le tràigh. Ach tha Ganavan Sands car coltach ri Cairngorm Mountain. Tha na h-ainmean dà-aithriseach. Tha e follaiseach gur e beinn a th’ anns a’ Chàrn Ghorm. Agus tha e follaiseach gur e àite le gainmheach a th’ ann an Ganavan. Cha leig sinn a leas ‘Sands’ a chur ann! Uill, tha e follaiseach ma tha Gàidhlig agaibh!
’S e Ganavan a’ Ghainneamh Bhàn – the fair sandy beach. Tha àite ann an Geàrrloch ann an Siorrachd Rois – a’ Ghainneamh Mhòr – the big sandy beach. Ach tha an dreach Gainmheach – no ‘Ganavoch’ – nas cumanta na Gainneamh air na mapaichean. Mar eisimpleir Loch Gainmheach – sandy loch. Tha an t-uabhas dhiubh ann. Mar as trice, tha tràigh ghainmhich ann – a tha math airson snàmh air latha blàth.
Ann am meadhan Leòdhais, tha Loch na Gainmhich ann – the loch of the sand. Ri a thaobh, tha loch eile le gainmheach – Loch Gainmheach nam Faoileag – the sandy loch of the seagulls. Ann an Loch nan Ceall – an loch-mara faisg air Àrasaig – tha Sgeir Ghainmheach ann – the sandy skerry. Tha sgeir ann, agus tha gainmheach ann – còmhla ann am port cumhang. Is math gu bheil an t-slighe a-mach ’s a-steach air a comharrachadh do sheòladairean!