Sùil air a' Mhapa 24
O thèid is gun tèid, O thèid mi thairis, gu Innis nam Bò, far am b’ eòl dhomh ’n ainnir. A bheil sibh eòlach air an òran sin – Bràighe Loch Iall? I shall go over to Innis nam Bò, where I once knew a girl. Ach dè tha Innis nam Bò a’ ciallachadh? Tha innis a’ ciallachadh island, a sheltered valley no a place to graze cattle in. Anns an òran seo, tha e a’ ciallachadh àite far am bi crodh ag ionaltradh – Innis nam Bò – the cattle grazings.
Tha òran eile ann – Crò Chinn Tàile – the cattle fold of Kintail. Agus tha àite ann an Cinn Tàile air a bheil Innis a’ Chròtha – the meadow of the cattle fold.
Ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha baile air a bheil Insch. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Innis Mo Bheathain – the meadow of St Bean. Bha Naomh Beathan ann an Inbhir Nis cuideachd, agus tha ainm snog le Innis anns a’ bhaile sin cuideachd. Na h-Innseagan – the little meadows. Ann am Beurla – The Inshes. Dh’inns mi turas do bhana-charaid gun robh mi a’ falbh do na h-Innseagan agus nach bithinn ach uair a thìde. Bha i a’ smaoineachadh gun tuirt mi ‘Na h-Innseachan’ – India – agus nach robh dòigh ann gum bithinn dhachaigh airson mo shuipeir!