Main content

Sùil air a' Mhapa 16

Clèireach. Tha e a’ tighinn bhon Laidinn clericus, a cleric. An-diugh tha e a’ ciallachadh cuideachd Presybterian. Eaglais Chlèireach ‘a Presbyterian church’. Air ar mapaichean, tha na h-ainmean mar as trice a’ ciallachadh ‘cuideigin a tha co-cheangailte ris an Eaglais’ – ’s dòcha an Eaglais Chaitligeach a cheart cho math ris na h-Eaglaisean Pròstanach. Agus tha e a’ nochdadh grunn tursan air a’ Ghàidhealtachd. Mar eisimpleir Fèith nan Clèireach ‘the bogland of the Clerics’ deas air Ullapul. Nise, chan urrainn dhomh a ràdh carson a tha an t-àite sin co-cheangailte ri pearsaichean eaglais.

Anns a’ Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh – sin am fearann timcheall Caisteal Leòdhais – tha Àird a’ Chlèirich ‘the promontory of the cleric’. Air taobh eile na dùthcha, ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Cnap a’ Chlèirich ‘the knob or hill of the Cleric’ faisg air Beinn a’ Bhùird. Ann an Athall, ann an Siorrachd Pheairt, tha Sròn a’ Chlèirich ‘the nose or hill-end of the cleric’. Agus tha Loch a’ Chlèirich ri taobh Loch Ma-ruibhe ann an Siorrachd Rois. Tha na h-ainmean seo a’ dearbhadh gun robh clèirich na h-Alba a’ siubhal na dùthcha fad is farsaing. Tha mi cinnteach gu bheil fhathast!