Main content

Sùil air a' Mhapa 28

Schiehallion. Beinn àrd ann an Siorrachd Pheairt. A bheil sibh eòlach oirre? Ann an Gàidhlig, ʼs e Sìth Chailleann an t-ainm oirre. Conical Mountain of the Caledonians – seann treubh. Sìth Chailleann. ʼS e ainm snog a th’ ann, nach e?

A bharrachd air sìth, tha am facal sìthean againn cuideachd. Tha e a’ ciallachadh cnoc cònach no biorraideach – a conical hill. Faisg air Gleanna Garadh, tha Ben Tee. ʼS e sin Beinn an t-Sìth. Agus gu follaiseach, tha i cònach ann an cumadh.

Ann an Earra-Ghàidheal faisg air an Apainn, tha cnoc air a bheil An Sìthean. ʼS e An Sìthean a Deas a th’ air a’ bhaile làimh ris. Ann am Beurla – South Shian. Agus gu tuath thar caolas, tha An Sìthean a Tuath, North Shian.

Gu tric, bidh daoine a’ ceangal sìth is sìthean leis na sìthichean. Bidh gu leòr ag ràdh gu bheil Sìth Chailleann a’ ciallachadh ‘Fairy Hill of the Caledonians’. Agus a bheil an treubh seo air a chuimhneachadh ann an àiteachan eile? Tha – ann an Dùn Chailleann ‘Dunkeld’ – fort of the Caledonians – agus Rohallion no Ràth Chailleann ‘circular fort of the Caledonians’. Tha iad uile ann an Siorrachd Pheairt.