Sùil air Spòrs 111014
Thairis air na bliadhnaichean tha cà irdeas annasach air a bhith agam ri Gòrdan Strachan. An uair a bha e na mhanaidsear aig Celtic bha an t-urram no an t-uallach (a rèir do bheachd) agam a bhith a’ suidhe sìos còmhla ris a h-uile madainn Dihaoine gus a bheachdan a chluinntinn air ceistean mòra ball-coise an latha. Tha saoghal ball-coise Bhreatainn luma là n luchd-naidheachd ball-coise a tha air fulang bho theanga gheur Ghòrdan (’s fheà rr leis sin seach an sloinneadh a-mhà in). Bidh cuimhn' aig a h-uile duine mar a thug e 'velocity' mar fhreagairt do neach-naidheachd a dh’iarr facal aithghearr air mu ghèam!
Mar sin bha fiosam bhon chiad dhol a-mach gum feumainn a bhith deiseil air a shon. Lide sam bith a-mach à à ite agus gabhaidh e brath, an dà chuid gus a’ cheist a sheachnadh no nas coltaiche buileach beagan fanaid a dhèanamh air an neach a tha a’ faighneachd na ceist. Chan eil trioblaid sam bith agam leis an sin. Tuilleadh as tric tha gu leòr sa ghnìomhachas agamsa nach eil e a’ dèanamh an deasachadh a bu chòir dhaibh air thoiseach air agallamhan agus chan eil cus truas agam riutha an uair a dh’fhaighnicheas iad ceist ghòrach a tha airidh air freagairt dhen aon t-seòrsa. Chan eil mi ag rà dh gun robh an cà irdeas eadarainn rèidh, riobainneach fad an t-siubhal; gu dearbh chuir e casg orm bho bhith a’ bruidhinn ris faisg air deireadh ùine aig Celtic agus gu h-annasach b’ann mu dheidhinn am fear a 'fhuair' an tadhal an aghaidh Georgia, Shaun Maloney a bha an eas-aonta.
Bha mi air ceist a thogail carson a chluich e Maloney seach Aiden McGeady aig Ibrox ann an gèam an aghaidh Rangers far nach robh Maloney air a bhith buileach fut agus thà inig sin a-staigh orm an uair a bha sinn nar seasamh ri taobh a chèile domhainn am broinn Ibrox Disathairne seo chaidh; esan a’ feitheamh ri agallamh a dhèanamh ri craoladair a’ ghèam, mise a’ feitheamh ri agallamhan a dhèanamh leis na cluicheadairean agus na manaidsearan airson feumalachdan UEFA. ’S e an rud math mu dheidhinn Gòrdan nach do chùm e dad dheth sin suas ge-tà . Tha sinn air obrachadh còmhla grunn thursan bhon uairsin air pròiseactan eadar-dhealaichte agus gu dearbh dh’òrdaich e cupa tì dhomh oidhche Shathairne fhad ’s a bha sinn a’ feitheamh gus an rachadh aig na craoladairean air tè dheth na camarathan aca a chà radh.
Thug sin ùine dhomh bruidhinn ris mun ghèam an aghaidh na Georgianaich agus na co-dhùnaidhean a ghabh e agus rinn sinn gà ire an uair a nochd an t-ainm aig Maloney. Mar a bha fìor ann an 2009, bha Gòrdan dhen bheachd gun robh Maloney daonnan air cluiche math aig Ibrox agus cha do leig e sìos an sgioba nà iseanta an aghaidh Georgia nas motha. Ged a thà inig am ball far a’ chluicheadair dìon Akika Khubutia, b’ e Maloney a chuir an oidhirp air an targaid agus bha an ruith sna sgilean triocail aige na thrioblaid do sgioba Temuri Ketsbaia fad na h-oidhche.
Ghabh e an an co-dhùnadh ceart cuideachd Anndra Robasdan a chluich an à ite Steven Whittaker. Dhòmhsa b’ e Robasdan agus Scott Brown an dithis a b’fheà rr air a’ phà irc' agus sheall am manaidsear a-rithist le bhith a’ fà gail a-mach Darren Fletcher aig Manchester United nach eil e a’ dol a thaghadh cluicheadairean air cliù a-mhà in. B’ e an aon rud a rinn dragh dhomh gu bheil Alba fhathast a’ coimhead nas cofhurtail an aghaidh sgioba a tha a’ tighinn thuca seach an uair a tha an t-uallach orra fhèin a chluiche a thogail mar a dh’fheumadh iad an aghaidh Georgia.
Bidh e inntinneach fhaicinn ciamar a là imhsicheas iad a’ Phòlainn sa ghèam aca ann an Warsaw gu sònraichte bhon a bhios Alba às aonais Grant Hanley san loidhne-dìon. Às dèidh an gnothach a dhèanamh air a’ Ghearmailt airson a’ chiad uair riamh Disathairne, tha faireachdain ann a-nis gum faodadh an gèam a bhith ro dhuilich airson Alba. Tha mi a' tuigsinn sin ach chan eil mi ag aontachadh buileach. Chunna mi an gèam sin agus air oidhche eile bhiodh a’ Ghearmailt air gleidheadh. Le 29 oidhirp nan aghaidh bha a’ Phòlainn rudeigin fortanach agus bidh cuideam orra a-nis buinnig an aghaidh Alba, rud a dh’fhaodadh obrachadh an aghaidh sgioba Adam Nawalka.
Tha fiosam nach robh Robert Lewandowski a’ cluiche dhaibh an uair a ghlèidh Alba sa ghèam chà irdeil ann a Warsaw bho chionn seachd mìosan, ach mura faigh e am ball chan urrainn dha a chur dhan a’ lìon. Sin an rud air am bi an sgioba coidsidh ag obair eadar seo san ath-oidhch’, ach tha rudeigin mu dheidhinn Alba fo stiùir Ghòrdan Strachan a-nis a tha a ciallachadh nach bi iad a’ siubhal a dh’à ite sam bith le eagal agus ’s e deagh chomharra a tha sin airson a’ chòrr de dh’iomairt EURO 2016.
Lennon air ais ann an cathair a’ mhanaidsear aig Bolton
Bha mi toilichte cuideachd a chluinntinn air an deireadh sheachdain gun robh Niall Lennon air dreuchd a’ mhanaidsear fhaighinn aig Bolton. Tha mi air a bhith fortanach eòlas a chur air Niall bho bha e na chluicheadair agus cha robh e riamh dad ach cuideachail dhomh. Tha mi air a bhith na chuideachd aig amannan cuideachd an uair a thachair rudan uamhasach dha fhèin ’s dha theaghlach sna bliadhnaichean aige ann an Glaschu agus a bu chòir nà ire a chuir oirnn mar dhùthaich. Chan e sin a-mhà in is coireach gu bheil mi air mo dhòigh air a shon ge-tà ; tha mi a’ smaointinn gun do rinn e deagh obair do Celtic mar mhanaidsear agus gun robh e airidh air cothrom ann an Sasainn far an robh e ag iarraidh an ath cheum a ghabhail.
Chan iarradh e dùbhlan mòran nas cruaidhe na Bolton, club a bha sa Phrìomh Lìog bho chionn beagan bhliadhnaichean ach a tha a-nis aig bonn an Championship le fiachan £168m. Cha bhith e furasta dha ach chan eil teagamh agam nach eil an tà lant san toinisg aig Lennon an togail suas a-rithist agus a chliù fhèin a dhaingneachadh cuideachd.