Main content

Sùil air Spòrs 070814

Le Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a-nis seachad tha an aire a’ tionndadh air ais chun an spòrs nàiseanta le seusan a’ bhuill-choise a’ tòiseachadh air an deireadh sheachdain. Tha mi a’ faicinn gu bheil cuid dhen luchd-naidheachd a bhios a’ dèanamh am beò-shlaint à ball-coise air a bhith a’ gearain mu na geamachan, ach dhomh fhèin dheth feumaidh mi a ràdh gur e tlachd uamhasach a bh’ ann a bhith nan luib. ’S e annas a bh’ ann a bhith a’ faicinn luchd-spòrs Albannach a’ buinnig, rud nach urrainn dhuinn a ràdh gu tric ann am ball-coise agus mar-thà tha inbhe na dùthcha air buile fhulang le Celtic a’ dol a-mach às an Champions Lìog an-raoir an aghaidh Legia Warsaw.

Bidh cuid a nì gàirdeachas ris an sin - sin nàdar luchd-taic ball-coise - ach creid mi, ’s e fìor dhroch naidheachd a tha an seo an dà chuid airson Celtic agus ball-coise na h-Alba. A thuilleadh air an fhichead millean not nach bi a-nis a’ tighinn nan rathad, faodaidh tu a bhith cinnteach cuideachd gum bi Fraser Forster air a shlighe a-mach à Celtic sna làithean a tha romhainn agus dh’fhaodadh feadhainn eile leithid Virgil van Dijk a bhith ga leantail air falbh bho Ghlaschu cuideachd.

Dùbhlan Deila agus Cion Lèirsinn Celtic

Tha sin a’ fàgail a’ mhanaidsear ùr Ronny Deila ann an suidheachadh duilich le luchd-taic nach bi air am bodraigeadh nochdadh ann an àireamhan mòra a choimhead càl is brochan a’ Phrìomh Lìog às aonais rionnagan Barcelona, Real Madrid, Bayern Munich is eile gan cumail a’ dol tro mhìosan a’ gheamhraidh. Agus le Alba a-nis aig àireamh 23 ann an rangachadh UEFA ’s ann nas duilghe a bhios e dha na sgiobaidhean againn ìre na buidhne dhen Champions League agus Lìog Europa a ruighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn mar a fhuair Obar Dheathain agus St. Johnstone a-mach sa chola-deug mu dheireadh.

Cothrom airson Obar Dheathain

Tha eagal orm gun robh seo a’ tighinn airson Celtic. Mar a chanas an seanfhacal, "am fear a choimheadas roimhe, coimheadaidh e fada às a dhèidh", agus airson grunn bhliadhnaichean a-nis tha bòrd-stiùiridh Celtic air a bhith a’ cluiche gèam cunnartach, a’ feuchainn ri faighinn gu ìre na buidhne dhen Champions League gun a bhith a’ cosg airgead susbainteach air cluicheadairean dearbhte a bheir ann iad. Bu chòir gum faigheadh iad cothrom eile an ath-bhliadhna ach tha seo a’ cur linn Tonaidh Mowbray nam chuimhne agus mura tog iad an casan gu sgiobalta bidh Obar Dheathain a’ faireachdain gun urrainn dhaibh Celtic a phutadh airson an tiotail. Bha 29 puing eadar Celtic is Tobar na Màthar aig deireadh na seusan mu dheireadh agus mus tèid ball a bhreabadh cuiridh mi geall gum bi a’ bheàrn gu math nas lugha san iomairt seo.

Cò eile a gheibh dhan chiad leth? ’S e buile mhòr a bh’ ann do Stuart McCall a dhol a-mach à Lìog Europa aig a’ chiad char uair eile, ach tha e eòlach gu leòr ’s gun tèid aige air Tobar na Màthar a chumail aig ceann shuas an lìog agus chanainn an aon rud mu dheidhinn Tommy Wright agus St Johnstone ged a tha e a’ coimhead coltach gum feum iad sin a dhèanamh às aonais Stevie May a chur 27 tadhal dhaibh air an t-seusan a chaidh.

Tha Dundee United iad fhèin air cluicheadairean a chall agus tha mi an amharas gum bi iad ag iondrainn Anndra Robasdan nas motha na Ryan Gauld a tha air gluasad gu Sporting Lisbon, ach chuireadh e iongnadh orm mura biodh sgioba Jackie MacNamara fhathast a’ strì airson an treas àite. Agus dè mu dheidhinn an nàbannan Dùn Dèagh a tha air ais sa Phrìomh Lìog às dèidh bliadhna air falbh? Is toigh leam Pòl Hartley mar mhanaidsear. Tha e air dusan cluicheadair ùr a thoirt a-steach agus ma gheibh iad deagh thoiseach tòiseachaidh bhithinn a sùileachadh gum biodh iad a’ strì ri leithid Caley Thistle Inbhir Nis airson àite sa phrìomh shia.

Caley Thistle is Ross County

Tha e gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a thèid dhan dà sgioba Ghàidhealach air an t-seusan a tha romhainn. Thuige seo chan eil luchd-taic Caley Thistle air gabhail buileach ri Iain Hughes mar mhanaidsear, ach tha iad air na prìomh chluicheadairean aca a chumail agus ann an Ryan Christie, tha fear dheth na tàlantan òga as fheàrr san dùthaich aca. Tha mi an amharas gum bi iad ceart gu leòr, ach chan eil mi buileach cho cinnteach mu dheidhinn Ross County. Uair eile tha Derek Adams air a dhol a-mach agus cluicheadairean a thoirt a-steach bho thall thairis agus mar a chunna sinn an-uiridh cha do dh’obraich sin cho math dhaibh sa chiad leth dhen t-seusan. Cha bu chòir gum biodh iad ann an cunnart ach canaidh mi gum bi iad fhèin is St Mirren, Cille Mheàrnaig agus Partick Thistle san dara leth dhen lìog le Hamilton Academical a’ tuiteam air ais sìos dhan Championship.

Championship nam Fuamhairean

Agus a’ bruidhinn air an Championship, abair gu bheil farpais gu bhith againn an sin le Rangers, Hearts agus Hibs uile a’ strì airson an dà àite a bhios air chothrom gus faighinn air ais suas dhan Phrìomh Lìog. Chunna mi a dhà dheth na sgiobaidhean sin nas tràithe air an t-seachdain seo ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba agus duine sam bith a bha dhen bharail nach eil gu bhith ann ach spàirn eadar Rangers is Hearts, tha iad air am mealladh oir air a’ chiad shealladh seo, bidh Hibs fo stiùir Ailean Stubbs cuideachd a’ strì airson àite ‘play-off’ aig a’ char as lugha.

Coltach ris a h-uile duin’ eile tha fadachd orm faicinn cò a thig am bàrr agus tha e math gum faic sibh barrachd dheth na sgiobaidhean sin air 91Èȱ¬ ALBA air an t-seusan seo cuideachd a thuilleadh air an uair an uaireadair as fheàrr bho dà gheam gach deireadh sheachdain sa Phrìomh Lìog. ’S dòcha nach bi e cho gleansach, ealanta ri Geamachan a’ Cho-fhlaitheis ach mar as àbhaist geallaidh mi gum bi buaireadh, connspaid agus dràma gu leòr ann a chumas cagnadh rinn eadar seo san Cèitean an ath-bhliadhna. Mar sin, leig leis na geamachan agus na tadhail tòiseachadh.