Main content

Sùil air Spòrs 251014

Slànaighear no sloightear? Sin a’ cheist a tha luchd-taic Rangers a’ faighneachd mu dheidhinn Mike Ashley an t-seachdain seo às dèidh do bhòrd-stiùiridh a’ chlub gabhail ri iasad dà mhillean not bhon fhear-gnothaich a tha a’ toirt dha smachd air Rangers. Tha mi a’ cleachdadh an fhacail ‘smachd’ a dh’aona-ghnothaich oir chan eil mi a’ creidsinn gu bheil Ashley ag iarraidh làn uachdranas air Rangers, an-dràsta co-dhiù, an uair a tha uiread de chùmhnantan - cuid dhiubh gu bhuannachd fhèin - nach gabh bristeadh agus a bhiodh gu math cosgail dha an cur bhuaithe.

Os cionn gach nì eile ’s e fear-gnothaich a th’ ann an Ashley agus ’s e a’ phrìomh rud a bhios air aire, ciamar as urrainn dha barrachd airgid a dhèanamh à Rangers. Cha bhith e gu diofar dha ged a bhiodh luchd-taic sna meadhanan na aghaidh. Cha chuir sin sìos no suas e. Chan eil a’ cunntais ach na prothaidean a tha a’ chompanaidh aige Sports Direct a’ dèanamh agus a’ faighinn làmh an uachdair air luchd-gnothaich eile an uair a thig e gu bhith a’ cosnadh na cùmhnantan as fheàrr dha fhèin.

Chan eil ùidh mhòr mar sin aige ann am ball-coise a thuilleadh air na gheibh e às agus gu follaiseach tha e a’ faicinn cothrom tuilleadh airgid fhàsgadh à Rangers. Cuimhnich tha aonta còig bliadhna eile aige airson na lèintean a thathas a’ reic ann am bùithtean Rangers còmhla ri bargan eile a dh’aontaich e leis an t-seann àrd oifigear Teàrlach Green ’s a tha a’ toirt cead dha ainm Ibrox atharrachadh airson not, seadh dìreach aon not!

Chuir Ashley cais uamhasach air luchd-taic Newcastle United an uair a dh’atharraich e ainm Pàirce Naomh Sheumais chun an Sports Direct Arena agus bidh e inntinneach fhaicinn an atharraich e ainm Ibrox no a bheil e air an leasan ionnsachadh. Gu pearsanta cha chreid mi gu bheil e a’ dèanamh cus diofar co-dhiù a dh’atharraicheas tu ainm pàirce ball-coise. Airson an luchd-taic ’s e Ibrox a ghabhas iad air co-dhiù, ach faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi ainm na companaidh aig Ashley ri fhaicinn air a h-uile oisean an ùine nach bi fada.

Ach ’s e a’ cheist as cudromaiche - dè an seòrsa airgead a tha Ashley deònach a chur a-steach ri Rangers? Aig Newcastle tha e air gu leòr airgead a chumail riutha a leigeas leotha an àite a chumail sa Phrìomh Lìog, ach chan eil e air an sporran fhosgladh gus leigeil leis na Magpies an sgiathan a' sgaoileadh agus putadh airson duaisean a ghleidheadh no faighinn air ais dhan Champions League. Tha fiosam bho bhith ag obair aig na geamachan sin an uair a bha Sir Bobby Robson nach maireann na mhanaidsear cho cudromach ’s a bha na h-oidhcheannan Eòrpach do luchd-taic Newcastle ach chan eil dad a mhiann aig Ashley fortan a chosg airson an club a thoirt air ais chun an ìre sin.

Gun teagamh tha ball-coise na h-Alba a' tairgsinn slighe nas fhasa dha faighinn air ais chun an Champions League le Rangers, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil cuid ga mealladh fhèin a' smaointinn gu bheil Ashley a’ dol a thilgeil na milleanan notaichean air a’ chlub mar a thachair tro linn Daibhidh Moireach (ged nach b’e airgead fhèin a bha e a’ cosg). Gu dearbh ’s ann a chanainn-sa gur ann a bhiodh Ashley airson gearradh air ais air cosgaisean aig a’ chlub agus cha bhiodh e na iongnadh dhomh nas motha nam biodh e fhèin sna riochdairean aige air a’ bhòrd a’ coimhead air an tuarastal mòr a tha Ally McCoist san sgioba coidsidh aige a’ cosnadh.

Tha McCoist a-nis ann an suidheachadh cunnartach nam bheachd-sa oir tha an fheadhainn a bha taiceil dha, Wallace agus an stiùiriche ionmhais Phillip Nash air fàgail. Tha bòrd stiùiridh a’ chlub a’ coimhead gu math eadar-dhealaichte a-nis agus chan eil cus taic an sin dhan mhanaidsear nas motha, mar a tha mise a’ tuigsinn a dh’aindeoin ’s na tha iad ag ràdh gu poblach.

Tha fear dheth na stiùirichean Sandy Easdale ceart a bhith ag ràdh gun toir Ashley barrachd seasmhachd gu Rangers. Cha tig iad ann an rianachd fhad ’s a bhios Ashley a’ cur a làmh na phòcaid airson iasadan a thoirt dhaibh. Ach cuimhnich, ’s e iasadan a th’ ann agus mar-thà, tha e air pàirce chàraichean Albion tarsainn an rathaid bho Ibrox agus Taigh Edmiston iarraidh mar bharrantas mu choinneamh an iasad de dhà mhillean not. Dè a bhios e ag iarraidh airson an ath iasad - Ibrox fhèin no an goireas trèanaidh aca?

Cuimhnich ’s e sàr neach-gnothaich a th’ ann an Ashley agus airson glè bheag de dh’airgead tha e a-nis ann an suidheachadh far a bheil Rangers aige na chròic. Chan urrainn don luchd-taic ach a bhith beò an dòchas gun dèan e an rud ceart leis a’ chlub aca.

Rionnag McGuinness a’ dol an àird aig Celtic

Beagan sheachdainean air ais thubhairt mi an seo gum b’fhiach sùil a chumail air Jim McGuinness agus a dhreuchd mar sìc-eòlaiche spòrs aig Celtic dìreach às dèidh dha seasamh sìos mar choidse sgioba ball-coise Gàidhealach Dhùn nan Gall. ’S gann gun robh a’ cholbh seo air-loidhne an uair a nochd e gun robh Celtic air dreuchd làn ùine a thoirt dha ag obair còmhla ris a’ chiad sgioba. Tha feadhainn gu math cumhachdach air taobh eile Sruth na Maoile a tha dhen bheachd gum faodadh McGuinness dreuchd manaidsear a ghabhail ann am ball-coise fhathast. Bhiodh sin air leth inntinneach, ach mar a thubhairt mi ’s d’fhiach sùil a chumail air Jim McGuinness, duine comasach.

Alba a’ call a-rithist an Èirinn - an t-àm a dhol air ais gu aon ghèam?

Bhiodh e inntinneach beachdan McGuinness a chluinntinn air an dà ghèam eadar-nàiseanta eadar camanaichean Alba agus cluicheadairean ‘hurling’ na h-Èireann thairis air a’ chola-deug mu dheireadh. Feumaidh mi a bhith onorach sa ràdh nach e gèam a th’ ann a tha a’ glacadh m’aire ann an dòigh sam bith. Tha rudeigin fuadan mu dheidhinn agus ma tha gèam sam bith a’ fàgail do cheann goirt fiù ’s mus tòisich e a’ feuchainn ris na riaghailtean a thuigsinn, tha eagal orm nach eil e a’ dol a ghlacadh aire a’ mhòr-shluaigh.

Co-dhiù, chan eil an sin ach mo bheachd-sa agus tha fios gu bheil e a ciallachadh an t-uamhas dhan fheadhainn a tha a’ faighinn urram an dùthaich aca a' riochdachadh ann an gèam eadar-nàiseanta. Ach ma tha Alba a’ dol a bhuinnig an sreath gheamachan seo a-rithist feumaidh iad a dhol air ais gu bhith a’ cluiche aon ghèam. Bho chaidh e gu dà ghèam ann an 2010 chan eil Alba air an duais a thogail. Mar as luaithe a thilleas e gu aon ghèam ’s ann as fheàrr an dà chuid airson Alba agus gu dearbh dhan cho-fharpais fhèin cuideachd.