Sùil air Spòrs 100115
Tha sinn air tòrr a chluinntinn mu shuidheachadh Ched Evans air an t-seachdain mu dheireadh ’s e a' feuchainn ri faighinn air ais a-steach gu ball-coise às dèidh a bhith air a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh bho chionn ceithir bliadhna. Thug seo a-staigh orm mar a tha beachdan air atharrachadh mun seòrsa eucoir seo sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bidh cuimhne aig luchd-leughaidh ’s dòcha air neach-spòrs eile a bha san aon t-suidheachadh còig bliadhn’ deug air ais, ach an àite dubh-chàineadh nochd na mìltean a choimhead a’ bhogsair Mike Tyson a’ sabaid an aghaidh Lou Savarese ann an Glaschu.
Cha do mhair an t-sabaid fhèin, mas urrainn sabaid a ghabhail air, ach 38 diog ach b’ e an rud as motha a bhuail orm aig an àm cho beag diofar sa rinn e dhan fheadhainn a bha an làthair gun deach Tyson a dhìteadh airson sia bliadhna prìosain às dèidh a bhith air fhaighinn ciontach nighean òg aois ochd bliadhn’ deug, Desiree Washingston èigneachadh. Nochd fichead boireannach a thogail fianais an latha a thug Comhairle Baile Ghlaschu cead do Tyson sabaid, ach nam b’ e an-dè an-diugh tha mi an amharas gum biodh na guthan an aghaidh an fhir a thug am "baddest man on the planet" air fhèin mar fhar-ainm gu math nas cruaidhe.
Cha bhiodh Tyson air cead fhaighinn sabaid co-dhiù air sàilleabh laghan ùra in-imrich a tha a’ cur bacadh air daoine a rinn eucoir dhan t-seòrsa sin tighinn a-staigh dhan dùthaich, ach fiù ’s às aonais sin tha mi an amharas nach fhaigheadh a leithid cead an-diugh oir tha beachdan an aghaidh èigneachadh air cruadhachadh agus tha na meadhanan sòisealta mar Twitter air a dhèanamh nas fhasa agus nas èifeachdaiche iomairtean a thogail.
Tha dà thaobh air an sin ge-tà mar a chunna sinn an t-seachdain seo chaidh le cuid a' muigheadh air stiùirichean agus teaghlaichean club ball-coise Oldham Athletic a bha an impis cùmhnant a thairgsinn do Evans. ’S gann gum b’ urrainn dhomh a chreidsinn gun robh cuideigin a’ muigheadh nighean fear dheth na stiùirichean èigneachadh nan toireadh iad Evans a-steach dhan chlub. Ciamar a tha sin a’ dol a chuideachadh luchd-iomairt chòraichean bhoireannach?
Chan eil idir agus seo far a bheil an trioblaid agamsa leis an seo. Dh’fheumainn a ràdh sa mhionaid nach eil truas sam bith agam ri Evans. Às dèidh coimhead air a chùis aige chan eil teagamh agam nach eil e ciontach mar a tha cùirt-lagh agus cùirt ath-thagraidh air a dhearbhadh cheana. Ach chan urrainn dhuinn sinn fhèin fhaighinn ann an suidheachadh far a bheil lagh na dùthcha air a riaghladh le gràisg dhaoine air Twitter agus tha eagal orm gur e sin a tha an cunnart tachairt an seo.
Cuimhnich tha ath-leasachadh a thuilleadh air peanas mar phàirt de shiostam ceartas na dùthcha seo agus ged a tha obraichean ann nach biodh freagarrach air cuideigin a tha ciontach de dh’eucoir leithid Evans - teagasg, dotairean no oifigearan poileas - chan eil ball-coise air an liosta sin. Tha fiosam gu bheil mòran a’ cur argamaid air adhart gu bheil dleastanas air cluicheadairean ball-coise a bhith nan eisimpleirean airson daoine òga, ach tha mi duilich tha daoine air am mòr mhealladh ma tha iad a’ coimhead ri cluicheadairean ball-coise an latha an-diugh mar eisimpleirean air mar a bu chòir dhaibh pèin a ghiùlain.
Ma tha daoine a’ smaointinn gu bheil urrasbhaidhean san lagh a thaobh dìteadh airson eucoir bu chòir dhaibh iomairt airson sin atharrachadh, ach fàgamaid an lagh aig na cùirtean agus seachnamaid a bhith a’ feuchainn ri lagh a dhèanamh tro Twitter.
Co-dhùnadh Academical airson Ailig Neil
Coltach ri mòran eile chuir e iongnadh orm ach iongnadh ann an deagh dhòigh an uair a fhuair Ailig Neil obair manaidsear Norwich City. Mar a thurchair bha mi ag aithris air an dà ghèam mu dheireadh a bh’ aig Neil os cionn Hamilton Academical agus fhuair mi cothrom còmhradh math fhaighinn leis ro na geamachan an aghaidh Tobar na Màthar agus St Johnstone. Cha robh dad a dhùil aige ris a’ chothrom seo ach thuirt e rudeigin rium a dh’innis dhomh gur e duine ann an cabhag a bha seo.
Bha sinn a’ bruidhinn air Billy Reid a bha san dreuchd aig Hamilton roimhe agus mar a dhiùlt e an cothrom a dhol gu Swansea City beagan bhliadhnaichean air ais. Dh’innis Neil dhomh gun tuirt e ri Reid aig an àm gun robh e air mearachd a dhèanamh, mearachd nach dèanadh esan nan tigeadh leithid de chothrom na rathad. ’S beag a dh’fhios a bh’ aige gun tigeadh an cothrom sin cho luath às dèidh ar còmhraidh ach aon uair ’s gun cuala mi mu dheidhinn cha robh teagamh agam nach biodh Neil air a shlighe gu Norwich.
Na Trì Mathain a’ gluasad ceum nas fhaisge air cumhachd aig Rangers
Thuirt mi sa cholbh mu dheireadh gum biodh an t-seachdain a bha romhainn cudromach san t-strì airson smachd fhaighinn air Rangers agus tha sin an impis tachairt mar a tha mi a’ tuigsinn. Chuala sinn Diluain gun robh am bòrd-stiùiridh air an dara tairgse aig a’ bhancair Ameireaganach Robert Sarver a dhiùltadh, a’ fàgail an t-slighe fosgailte airson a’ bhuidheann aig Dùghlas Park (Na Trì Mathain). Tha còmhraidhean air a bhith a’ dol thairis air an deireadh sheachdain agus le cruaidh fheum aig Rangers air tuilleadh airgid an t-seachdain seo airson cumail a’ dol, tha e a’ coimhead coltach a-nis gun gabh am bòrd-stiùiridh ris an sia millean not a tha buidheann Park a' tairgsinn mu choinneamh dà àite air a’ bhòrd. Ma thig e gu buil 's e gluasad cudromach a bhios ann a thaobh smachd fhaighinn air a’ chlub agus gluasad, tha mi an amharas, a bheir dòchas agus toileachas dhan luchd-taic a’ dol a-steach dhan Bhliadhn’ Ùir.