Sùil air Spòrs 181014
Sa chola-deug mu dheireadh tha an aire air a bhith air sgioba ball-coise nà iseanta nam fear ach Disathairne seo tighinn 's e sgioba nam ban a bhios fon phrosbaig ’s iad a’ cluiche a’ chiad ghèam ‘play-off’ aca an aghaidh an Òlaind aig Tynecastle son à ite aig cuairtean deireannach Cupa na Cruinne. Seo a’ chiad ghèam de ’s dòcha ceithir airson sgioba Anna Signeul ma tha iad a’ dol a dh’fhaighinn a Chanada an ath-bhliadhn’ leis an Ucrà in neo nas coltaiche an Eadailt a’ feitheamh ris an sgioba a ghleidheas thairis air an dà gheam aig Tynecastle agus Rotterdam.
Tha eachdraidh dhuilich aig sgioba na h-Alba an uair a thig e gu geamachan 'play-off' a’ call a dhà dhiubh sna bliadhnaichean mu dheireadh an aghaidh an Ruis agus nas cruaidhe buileach an uair chaill iad leis a’ bhreab mu dheireadh dhen bhall an aghaidh na Spà inn airson faighinn gu EURO 2013 san t-Suain. Cha bhith na geamachan a tha air fà ire furasta nas motha - tha an Òlaind agus an Eadailt nas à irde na Alba ann an rangachadh FIFA - agus a rèir ’s na tha mi air fhaicinn dheth na Dùidsich tha cluicheadairean sgileil, teicnigeach aca, gu sònraichte air na cliathaichean tro leithid Manon Melis agus Lieke Martens. Aig an aghaidh tha tè dheth na cluicheadairean òga as fheà rr sa ghèam aca ann an Vivienne Miedema aig Bayern Munich nach eil ach ochd bliadhn’ deug.
Ach chan eil Alba gun dòchas ge-tà . Rinn iad an gnothach air na Dùidsich ann an gèam cà irdeil nas trà ithe am bliadhna ann an Ciopras an uair a ghlèidh sgioba Signeul 4-3 às dèidh a bhith 3-0 air thoiseach. Bhuinnig iad cuideachd dà thuras nan aghaidh an uiridh aig an aon fharpais. Bidh an dà ghèam seo diofraichte ach tha cluicheadairean tà lanta aig Alba cuideachd leithid Jane Ross a tha co-ionnan ri Miedema a thaobh tadhail anns an iomairt seo (13) agus dh’fhaodadh e a bhith cudromach cuideachd gu bheil Lisa Evans fut airson na geamachan seo.
Cha robh Evans, a tha a’ cluiche airson Turbine Potsdam sa Ghearmailt, fut airson cluiche san dà ghèam mu dheireadh, ach fhuair i trì tadhail sa ghèam sin ann an Ciopras, rud a dh’fhaodadh teagamh a chur an inntinn cluicheadairean dìon sgioba Roger Reijners. Cuir Kim Little, an cluicheadair as luachmhoire ann an Lìog Nà iseanta nam ban sna Stà itean Aonaichte, an ceann sin agus chan eil adhbhar carson nach biodh Alba a’ dol a-steach dha na geamachan seo le misneachd.
Fhuair gèam nam ban an Alba togail eile an t-seachdain seo chaidh le Glasgow City a’ dol troimhe chun na sia deug mu dheireadh dhen Champions League às dèidh tighinn bho dà thadhal air dheireadh an aghaidh an sgioba Phòlanach, Medyk Konin agus le boireannaich leithid Ann Budge, Leeann Dempster is Shelley Kerr a’ cosnadh cliù dhaibh pèin, tha cothrom aig Signeul sna cluicheadairean aice ceum eile a ghabhail gus ìomhaigh gèam nam ban a thogail an Alba.
Bravo son sgioba òg Uibhist is Bharraigh san Spà inn
Tha mi a’ faicinn gu bheil Simon Cowell am beachd a dhol dha na h-Eileanan Siar gus tà lant ùr a lorg airson a’ phrògram ‘Britain’s Got Talent’ agus às dèidh mar a chluich sgioba òg à Uibhist is Barraigh san Spà inn an t-seachdain seo chaidh, tha mi an dòchas gum bi clubaichean ball-coise a’ toirt sùil tarsainn a’ Chuan Sgìth cuideachd! Chan urrainn dhomh moladh gu leòr a dhèanamh air an sgioba sin de bhalaich fo aois 17 a chùm ceann a’ mhaide ri sgiobaidhean à Fionnlainn, Gambia agus sgioba òigridh Barcelona mus do chaill iad 2-0 ri sgioba Acadamaidh Spà innteach, Fundación Marcet, sa chuairt dheireannach de Chupa Costa Brava.
Cha robh ach aon Spà innteach san sgioba sin leis a’ chòrr a’ tighinn à Braisil, Argentina, Meagsago agus Uruguay, cluicheadairean òga a tha a’ pà igheadh €30,000 sa bhliadhna son à ite fhaighinn san acadamaidh. A dh’aindeoin sin b’e fear dheth na balaich Uibhisteach, Thòmas Steele, a fhuair an duais airson am fear-glèidhidh a b’fheà rr san fharpais le feadhainn eile leithid Aidan MacNèill à Barraigh ’s nach eil ach còig bliadhn’ deug a’ glacadh an aire cuideachd.
’S mòr am beud nach eil na balaich sin agus feadhainn eile a’ faighinn a’ chothrom na sgilean aca a leasachadh aig ìre nas à irde. Tha fiosam gu bheil cuideigin aig Ross County a tha a’ cumail sùil air tà lant òg ann an Leòdhas sna Hearadh, ach bu chòir dhaibh pèin is Caley Thistle cuideachd cothrom a thoirt dhan òigridh a deas air a’ Chliseam. Chuala mi cathraiche Ross County, Roy MacGriogair ag rà dh bho chionn ghoirid gun robh e ag iarraidh ceangalaichean nas fheà rr fhaicinn eadar an club sa choimhearsnachd. Tha e ceart agus mar a tha mi air a rà dh iomadach turas dh’fhaodadh na clubaichean Gà idhealach a bhith a’ dèanamh fad a bharrachd airson òigridh nan eilean a bhrosnachadh.
Kara Hanlon ceum nas fhaisge air sgioba snà mh na h-Alba
Air a’ chuspair sin, bha e math a chluinntinn an t-seachdain seo chaidh gun robh Kara Hanlon à Leòdhas air à ite a chosnadh ann an sguad snà mh òir na h-Alba. Thà inig Kara faisg air faighinn a-steach do sgioba snà mh na h-Alba airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis agus tha an inbhe seo a' ciallachadh gum faigh i an taic a tha a dhìth oirre airson gluasad chun an ath ìre. ’S e duais a th’ ann airson an obair chruaidh aig Kara fhèin, an coidse aice DR Moireasdan agus a pà rantan, Davie agus Marilyn. Sin mar a bu chòir dha a bhith. Fad bhliadhnaichean tha e air a bhith na bhacadh ma tha tà lant spòrs agad ’s tu a’ fuireach anns na h-Eileanan. Mean air mhean tha sin ag atharrachadh ach tha mòran ri dhèanamh fhathast.