Sùil air Spòrs 140614
Mo mhòr bheannachd air Kerry Nic a Phì! Thairis air a’ chola-deug mu dheireadh, tha i fhèin san fheadhainn as fhaisge oirre air a bhith air bhioran, ‘s iad a’ feuchainn ris an naidheachd a chumail aca fhèin gun robh i air à ite a chosnadh ann an sgioba na h-Alba airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis. Ach mu dheireadh thall fhuair a h-uile duine a-mach Diardaoin seo chaidh gun deach a h-ainmeachadh san sgioba rothaireachd beinne airson Glaschu 2014, a thuilleadh air a bhith sa chiad à ite air an liosta ma bhios feum oirre son an sgioba rathaid.
Feumaidh mi a rà dh gu bheil an stòiridh seo nas fhaisge air mo chridhe fhèin air sà illeabh ’s gu bheil cuimhne agam air Kerry agus a piuthar, Jennifer, a bhith timcheall an taigh againn an Gearraidh na Mònadh an uair a bha mo mhà thair a’ coimhead às an dèidh greis ’s iad nam pà istean. Fiù ’s aig an ìre sin, dh’aithnicheadh tu air Kerry gun robh i farpaiseach ‘s i daonann airson là mh an uachdair fhaighinn air a’ chlann eile a bha timcheall oirre. Cha chan mi an còrr mus can mi cus, Kerry!
Bho Cille Pheadair gu Cathkin Braes
Ach tha e dìreach mìorbhaileach mar a tha an Gà idheal òg sa à Cille Pheadair an Uibhist a Deas, a thòisich le bhith a’ buinnig rèis Beinn Choinnich an Loch Baghasdail, air ìre a ruighinn far a bheil i a-nis am measg nam prìomh lùth-chleasaichean spòrs baidhseagal an Alba. Chan eil e air a thighinn thuice gun strì ge-tà . Aig aon ìre bha Kerry a’ cumail sìos trì diofar obraichean a thuilleadh air a bhith a’ trèanadh agus a’ farpais airson i fhèin a chur ann an suidheachadh far am biodh cothrom aice faighinn dhan sgioba a bhios a’ rèis air bruthaichean Chathkin aig deireadh na h-ath mhìos. Gu bho chionn ghoirid, cha robh an t-uamhas taic airgid aice nas motha, a bharrachd air na bha i a’ faighinn bho teaghlach, caraidean agus a’ bhùth baighseagal ionadail aice ann an Drochaid Ailean, Sruighlea.
Leis an sin chan e a-mhà in tà lant a tha air Kerry a thoirt chun na h-ìre seo; tha an t-uamhas obair chruaidh air a dhol a-steach ann agus tha i cuideachd air rud eile a shealltainn a dh’fheumas tu airson a bhith soirbheachail ann an spòrs - neart inntinn. Chuala mi agallamh le coidse sgioba ball-coise na h-Òlaind, Louis van Gaal, thairis air an deireadh sheachdain, far an tubhairt e nach e tà lant leis fhèin an aon rud ris a bheil e a’ coimhead ann an cluicheadair òg agus gun robh neart inntinn a cheart cho cudromach mura robh nas cudromaiche dha.
Carson? Uill, ann an spòrs sam bith bidh droch là ithean agad a thuilleadh air là ithean math air an t-slighe suas agus ‘s e mar a là imhsicheas tu na brisidhean-dùil sna dùbhlain a thig nad rathad a dhearbhas co-dhiù an tèid agad air soirbheachadh. Tha Kerry air a dhearbhadh uair is uair gu bheil an neart-inntinn sin aice, agus faodaidh tu a bhith cinnteach a-nis is i air faighinn dhan sgioba gum bi a h-aire air ciamar a gheibh i chun an ath ìre, a’ tòiseachadh le Geamachan a’ Cho-fhlaitheis.
A’ leantail ann an lorgan Deasach eile
Tha e annasach cuideachd gur ann à Uibhist a Deas a tha an aon duine eile a tha air na h-Eileanan Siar a riochdachadh aig na Geamachan. B’ e Geamachan na h-Ìompaireachd a bh’ orra an uair a bha Donaidh Dòmhnallach, a thogadh ann am Bòirnis, a’ ruith sna rèisean 800 meatair agus an rèis phà irteach no ‘relay’ 4 x 400 meatair ann an Cardiff air ais ann an 1958. Choisinn e cliù às dèidh sin mar choidse airson Sir Menzies Caimbeul a’ ruith an dà chuid airson Breatainn ann na Geamachan Oilimpaigeach Tokyo ann an 1964 agus mar sgiobair na h-Alba aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis ann an Jamaica dà bhliadhna às dèidh sin.
Coltach ris a’ chòrr againn bidh Donaidh tha mi an amharas a’ coimhead nan geamachan le pròis agus gu sònraichte a’ cumail sùil air a’ bhoireannach òg à eilean à raich, Kerry Nic a Phì, a bhios a’ leantail na lorgan ann an Glaschu. Seo sgeulachd cho togarrach ‘s cho misneachail ’s as cuimhne leamsa a’ buntainn ri neach-spòrs às na h-Eileanan agus cò aige tha fios nach eil an caibideil as inntinniche fhathast ri thighinn. Meal do naidheachd, Kerry!