Sùil air Spòrs 270914
Abair gun do chuir Phil Mickelsen an ceòl air feadh na fìdhle le na bh’ aige ri rà dh mun sgiobair aige, Tom Watson, às dèidh dha na Stà itean Aonaichte call uair eile ris an Roinn Eòrpa ann an Cupa Ryder. Ged a bha a’ cheist a chaidh a chur air a’ faighneachd carson nach robh na Stà itean air an fharpais a bhuinnig bho chionn sia bliadhna, rinn Mickelsen gu math soilleir gun robh an stiùireadh a fhuair iad bho Pòl Azinger ann an Valhalla gu math nas fheà rr seach an dòigh-obrach aig Watson thairis air na trì là ithean ann an Gleann Eigeis air an deireadh sheachdain seo chaidh.
Mar neach-naidheachd, dh’fheumainn a rà dh nach eil trioblaid mhòr sam bith agam leis na thuirt Mickelsen. Ann an saoghal spòrs far a bheil thu cleachdte ri bhith a’ faighinn na h-aon seòrsa bheachdan tioram bho chluicheadairean agus manaidsearan, ’s e annas a th’ ann a bhith a’ cluinntinn cuideigin a’ tighinn a-mach le beachdan cho là idir, gu sònraichte an uair a tha an duine a tha thu a’ cà ineadh na shuidhe beagan shlatan air falbh bhuat agus aithnichte mar laoch spòrs air feadh an t-saoghail.
Bha e caran coltach ri fear na bainnse a’ toirt ionnsaigh air athair chèile aig deireadh na bainnse. Sin as coireach gun cluinneadh tu prìne a’ tuiteam an luib an luchd-naidheachd an uair a thug Mickelsen an ionnsaigh neo-dhìreach air Watson sa dh’fhà g na co-chluicheadairean eile a bh’ aig a’ bhòrd còmhla ris an sgiobair a’ coimhead gu mì-chofhurtail sìos gum brògan. Cha b’ urrainn gun truas a bhith agad ri Watson, am fear mu dheireadh a ghlèidh an fharpais dha na Stà itean san Roinn Eòrpa (1993) agus aig a bheil cliù às dèidh ochd prìomh dhuaisean a ghleidheadh, gu sònraichte an seo an Alba nach coisinn Mickelsen gu brà th.
Ach às dèidh sin a rà dh bha puing aig Mickelsen. Aig 65 bliadhna a dh’aois ’s dòcha gun robh a’ bheà rn eadar Watson sna cluicheadairean ro mhòr. Chan eil teagamh nach do rinn e mearachd an uair a dh’fhà g e Pà draig Reed agus Jordan Spieth a-mach feasgar Dihaoine às dèidh dèanamh cho math sa mhadainn. Dh’fhà g e Mickelsen a-mach buileach an là rna-mhà ireach ag rà dh gun robh e air mearachd a dhèanamh a’ cluiche cluicheadairean sgìth Dihaoine agus ’s cinnteach gur e seo an rud a chur uiread de chais air Mickelsen.
Fhuair e dioghaltas aig a’ choinneamh naidheachd aig deireadh na farpais ach dh’fhaodadh Mickelsen a bhith air feitheamh ’s gun a dhèanamh ann an dòigh a bha cho brùideil, poblach. Ann a bhith a’ toirt an ionnsaigh sin air Watson ge-tà dhearbh Mickelsen carson a bha na Stà itean air Cupa Ryder a chall uair eile. Cha robh sgioba aontaichte aca. A dh’aindeoin ’s gun robh na cluicheadairean a b’ fheà rr aca air pà ipear, bha sgaradh nam measg. Mu choinneamh sin bha a h-uile cluicheadair air cùl an sgiobair Eòrpach Pòl McGinley.
Chuala mi Rory McIlroy ag rà dh gun robh an latha mu dheireadh a’ ciallachadh barrachd dha na bha an dà dhuais mhòr a bhuinnig e am bliadhna. Cha bhiodh duine dheth na cluicheadairean Ameireaganach air a leithid a rà dh agus bha sin a sealltainn an diofar a bha eadar an dà sgioba a thaobh spiorad. Bha sgioba aig na h-Eòrpaich, cha robh aig na Ameireaganaich agus gus am faigh iad sin ceart bi iad a’ feitheamh greis fhathast ris an ath Valhalla.
Comann na Camanachd a’ faighinn leasan mu na riaghailtean aca fhèin
Theab Cupa Ryder a bhith aig teas meadhan connspaid ann an saoghal na camanachd cuideachd le sgioba Bhaile Chaolais ag rà dh nach b’ urrainn dhaibh gèam ‘play-off’ a chluich an aghaidh an Eilean Sgitheanaich Disathairne seo chaidh. An luib ochd adhbharan a chaidh a chur air adhart dà latha ron ghèam thuirt Baile Chaolais gum biodh feadhainn dhe na cluicheadairean aca a dhìth orra a chionn ’s gun robh iad gu bhith a’ coimhead a’ ghoilf ann an Gleann Eigeis.
Sin an t-adhbhar air an do ghreimich na meadhanan airson na cinn naidheachd aca, ach b’ e ceist eile a thog an club a thug air Comann na Camanachd smaointinn a-rithist mun chùis. Le geamachan fhathast rin cluich agus cunnart gur dòcha nach tigeadh aca air sgioba a chur a-mach airson na geamachan sin gu lèir, bha suidheachadh ann far am faodadh an sgioba as fhaisge air Baile Chaolais a dhol seachad orra agus an tiotal a ghleidheadh. Tha a h-uile coltas nach tachair sin, ach dh’fhaodadh e tighinn gu buil agus às dèidh sùil a thoirt air na riaghailtean aca fhèin cho-dhùin Comann na Camanachd gun robh iad air mearachd a dhèanamh a’ cur geam ‘play-off’ airson na Roinn Nà iseanta air dòigh tuilleadh is trà th. Tuigidh mi dè a bha iad a’ feuchainn ri dhèanamh le bhith a’ rèiteach ceist mus tig dubhar a’ gheamhraidh oirnn, ach bha iad air am fà gail a’ coimhead caran gòrach mar nach robh fios aca air na riaghailtean aca fhèin.
Buaidh mu dheireadh thall airson Ross County agus gliocas an loidhne-dìon
Mu dheireadh thall tha Ross County air gèam a ghleidheadh agus bi sin na fhaochadh dhan mhanaidsear ùr Jim Mac an t-Saoir agus an luchd-taic aca air thoiseach air derbaidh na Gà idhealtachd Didòmhnaich seo tighinn. Tha mi air na Staggies fhaicinn grunn thursan air an t-seusan seo agus tha an loidhne-dìon aca air a bhith mar sioltachan. Às dèidh còig tadhail eile a leigeil a-steach an aghaidh Obar Dheathain is Hibs, cha robh dòchas mòr sam bith agam dhaibh an aghaidh Dùn Deagh Disathairne seo chaidh. Dhearbh iad ceà rr mi tha mi toilichte a rà dh ach rinn Mac an t-Saoir an rud ceart le bhith a’ toirt crathadh air an loidhne-dìon, a’ gluasad Jackson Irvine air ais bho mheadhan na pà irce agus a’ toirt cluicheadair ùr, Lewis Toshney, a-steach dhan sgioba.
Tha iomadach gliocas sa ghèam a thaobh ciamar a chuireas tu sgioba shoirbheachail air a’ phà irce, ach mar a tha fiù ’s Louis van Gaal agus Manchester United air faighinn a-mach, à s aonais loidhne-dìon èifeachdach chan eil gu cus diofar co-dhiù a tha Ãngel di MarÃa, Radamel Falcao agus Robin van Persie agad aig an aghaidh. Cha chuir thu mullach air taigh à s aonais bun-stèidh agus tha an aon rud fìor ann am ball-coise. ’S e an loidhne-dìon a’ chlach-bhuinn a leigeas leis a’ chòrr dhan sgioba cluich agus mura bheil sin agad bha chith sioltachan gu cus feum dhut; bidh thu mar an Rìgh Canute aig a’ cheann eile le peile nad là imh san là n a’ tighinn a-steach mu do chasan.