Sùil air Spòrs 151114
Cha robh e breàgha air an t-sùil ach ’s e na trì puingean a bha cudromach airson Alba an aghaidh Poblachd na h-Èireann agus às dèidh a bhruidhinn ro làimh mu chluicheadairean a rugar sa thogar an Alba sa roghnaich cluiche airson Èirinn, nach robh e annasach gur e fear le ainm cho Èireannach sa dh’iarradh tu 's a chaidh a bhreith ann am Malaysia, Shaun Maloney, a chur an tadhal a ghlèidh an gèam agus abair tadhal cuideachd!
Tha mi toilichte airson Shaun. Tha mi air a bhith eòlach air bho bha e na bhalach òg a’ tighinn troimhe aig Celtic. B’ e Màrtainn O’Nèill a thug dha a’ chiad chothrom agus a thug leis e gu Aston Villa cuideachd. Cha mhòr an taing a fhuair e oidhche Haoine seo chaidh an uair a chuir Maloney daga ann an cridhe nan Èireannach fo stiùir O’Nèill ’s aig an aon àm a’ toirt anail as ùr dha na cothroman aig Alba faighinn gu EURO 2016.
Cha b’urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh ag èisteachd ri luchd-aithris nach b’urrainn moladh gu leòr a dhèanamh air Maloney ach aig nach robh facal math ri ràdh mu dheidhinn gus an do chuir e an tadhal sgoinneil sin aig Pàirce Celtic. Sin an rud a tha math mu dheidhinn a bhith ag obair sna meadhanan - faodaidh tu cuideigin a chàineadh gu bhrògan aon mhionaid ach an uair a nì e rudeigin mìorbhuileach tha iad a’ dèanamh car a mhuiltean ’s ag atharrachadh an inntinn, uill gus am bi an ath dhroch ghèam aige!
Gu fortanach chan eil Gòrdan Strachan cho leam leat sin agus tha fiosam gur e Maloney fear dheth na ciad ainmean a tha san sgioba aige. Bha earbsa riamh aig Strachan sna sgilean aig Maloney - chuireadh e san sgioba e air thoiseach air leithid Aiden McGeady an uair a bha an dithis aca aig Celtic - ach bha àm ann cuideachd an uair a bha e a’ ceasnachadh co-dhiù a gheibheadh Shaun seachad air na trioblaidean fèithe a bha ga bhuaireadh. Tha cuimhn’ agam a bhith nam sheasamh a’ bruidhinn ri Strachan san trannsa aig Lennoxtown aon latha an uair a chaidh Maloney seachad. 'Am bi thu fut airson cluiche a-màireach?' dh’fhaighnich am manaidsear. 'Cha bhith,' arsa Maloney. 'Tha na hamstrings agam fhathast teann.' Fo anail ’s Maloney a’ coiseachd air falbh thuirt Strachan rium gun robh e a-nis dhen bharail gun robh an trioblaid ann an inntinn Shaun cho math ri bhith na chasan.
Gu fortanach, tha Maloney air faighinn thairis air na trioblaidean sin a-nis agus tha fiosam bho bhith a’ bruidhinn ris bho ghluais e gu Wigan gu bheil sin gu mòr an urra ris an treànadh sònraichte a thug Roberto Martinez dha mus do ghluais e gu Everton. Tha e a-nis fada nas subailte agus chan eil na fèithean a bha mar sreangannan piàna ron seo a-nis buileach cho teann. ’Se deagh naidheachd a tha sin dha fhèin ’s dhan sgioba nàiseanta agus chan eil teagamh nach eil Maloney air a bhith air leth cudromach san iomairt thuige seo le làmh mhòr san tadhal a ghlèidh an gèam an aghaidh Georgia a thuilleadh air tadhal eile sa ghèam an aghaidh a’ Phòlainn ann an Warsaw.
Tha an siostam aig Strachan a’ freagairt air - dìonach aig a’ chùl ach a’ toirt saorsa do chluicheadairean sgileil leithid Maloney agus Ikechi Anya na tàlantan aca a chur an cèill aig ceann eile na pàirce. Tha e iongantach mar a tha am manaidsear air feallsanachd na sgioba atharrachadh bho bhith air an clisgeadh call fo stiùir Craig Levein gu bhith dàn, dalma is comasach ceann a’ mhaide a chumail ris na sgiobaidhean as fheàrr air an t-saoghal. Feumaidh mi a ràdh nach eil dad dheth sin a’ cur iongnadh sam bith orm. Thuirt mi an uair a fhuair e an obair gun toireadh Gòrdan Strachan Alba gu EURO 2016 agus chan eil dad a tha mi air fhaicinn bhon uairsin air m’inntinn atharrachadh. Gun teagamh tha obair fhathast ri dhèanamh, gu sònraichte bhon a tha a’ Phòlainn air tòiseachadh cho math sa bhuidheann, ach fiù ’s ma thig e gu 'play-off' le cluicheadairean leithid Maloney ann an sunnd am beatha tha faireachdain ann gur e seo an uair agus gum bi Alba san Fhraing an ceann dà bhliadhna eile.
Saints an Iochdair a’ togail Cupa Billy McNeill
Gu mì-fhortanach cha b’urrainn dhomh a bhith aig a’ ghèam Dìhaoine seo chaidh air sàilleabh adhbharan pearsanta a chiallaich gun robh mi aig an taigh an Uibhist aig deireadh na seachdain, ach thug sin cothrom dhomh cuairt dheireannach Billy McNeill a choimhead aig Lionacleit feasgar Disathairne. Bha deireadh na farpais nas anmoiche am bliadhna air sàilleabh an tubaist rathaid uamhasach anns an do chaill fear de chluicheadaiean òga Iochdar Saints, Carl Mac a' Phì a bheatha. Bha e iomchaidh mar sin gur e na Saints a ghlèidh an Cupa 7-1 an aghaidh sgioba thruagh Southend. Mar fhear dheth na seann chluicheadairean aca chan eil e furasta dhomh sin a sgrìobhadh mu dheidhinn sgioba a’ Chinn a Deas ach cuiridh mi an tàmailt sin an dara taobh gu àm eile. ’S e latha Iochdar Saints a bha seo agus às dèidh na tha iad air a dhol troimhe sna seachdainean mu dheireadh cò a chuireadh seachad orra cupa laoch leithid Billy McNeill a thogail mar chuimhne air an caraid nach maireann.