Sùil air Spòrs 170115
Gabhaibh mo leisgeul airson tilleadh uair eile gu sgeulachd Rangers - creid mi, tha sinne sna meadhanan a cheart cho sgìth dhen t-siorcas seo ’s a tha sibhse - ach leis na h-uimhir a’ tachairt aig Ibrox thairis air an t-seachdain mu dheireadh agus mòran agaibh ag iarraidh mìneachadh air na tha sin a ciallachadh, shaoil mi gum b’ fhiach beagan ùine a chur seachad a’ feuchainn ri cuid dheth na ceistean sin a fhreagairt.
’S e a’ cheist as motha a tha mi a’ cluinntinn, dè a tha fa-near do Mike Ashley? Mar a sgrìobh mi bho chionn beagan sheachdainean an seo, tha Ashley mar manach a tha air bòidean sàmhchar a ghabhail agus mar sin chan eil sinn a’ dol a chluinntinn bhuaithesan ann an cabhaig, ach tha fios againn air grunn rudan mu dheidhinn. Sa chiad àite ’s e fear-gnothaich uamhasach soirbheachail a th’ ann - tha eòlaichean baile mhòir Lunnainn a’ dèanamh a-mach gu bheil e luach £3.75 billean, nas beairtiche na Sir Richard Branson - agus a cheart cho cudromach a thaobh na sgeulachd seo, coltach ris an luchd-gnothaich agus gu dearbh an luchd-spòrs is fheàrr, cha toil leis a bhith a’ call, idir.
An uair a bha e na b’ òige b’ e sàr chluicheadair squash a bh’ ann an Ashley a dh’fhaodadh a bhith air ìre phroifeiseanta a ruighinn gus am b’ fheudar dha an gèam a leigeil seachad às dèidh a bhith air a dhroch ghortachadh mun ghlùin. Thionndaidh e an uairsin aire gu bhith a’ reic stuth spòrs tron lìonra bhùithtean aige, Sports Direct agus cha robh fada gus an do sheall e gun robh e a cheart cho farpaiseach ann an gnìomhchas ’s a bha e ann an spòrs ’s e a’ cur às dha na farpaisich aige leithid a’ chompanaidh JJB Sports aig cathraiche Wigan Athletic, Dave Whelan.
Tha an dòigh san do rinn e sin inntinneach ann fhèin oir chuir Whelan cais air Ashley aig coinneamh le bhith ag ràdh nach buineadh e dhan “chlub” gnothachais a bha a’ ruith chùisean ann an ceann a tuath Shasainn agus gum b’ fheàrr dha a shròin a chumail a-mach. Cha tuirt Ashley dad ach an ath rud bha e air cur às dhan chompanaidh aig Whelan mar fharpaisiche. Bu chòir sin a bhith na rabhadh do dhuine sam bith a tha am beachd a dhol a shabaid le Ashley gus smachd fhaighinn air Rangers. Tha daoine gu math beairteach nan luib ach an uair a thig e gu Ashley tha e mar gum biodh tu a’ dol a shabaid le sgian gun chus faobhar an aghaidh cuideigin le gunna-froise.
Chunna sinn sin an t-seachdain seo chaidh. Direach an uair a bha Dùghlas Park agus na Trì Mathain a' smaointinn gun robh cas aca a-staigh an doras aig Ibrox, dhùin Ashley an doras nan aodann le gluasad a chiallaich nach b’ urrainn do dhuine sam bith ach e fhèin barantas a ghabhail air sealbhachd Rangers mu choinneamh iasad de dheich millean not a dh’fhaodadh e a thoirt dhaibh. Bha e mar gun robh na Trì Mathain air a dhol a-mach dhan choille agus coinneachadh ri madadh-allaidh nach do dh’fhàg feann orra.
Tha gu leòr air mearachd a dhèanamh san sgeulachd seo a’ smaointinn gu bheil Ashley airson an club a ghabhail thairis gu lèir. Mar a chì mise, chan e sin a tha fa-near dha idir. ’S ann a tha ùidh aige sna pàirtean as luachmhoire de Rangers agus tha sin gu ìre aige mar-thà leis na cùmhnantan coimeirsealta agus sanasachd a dh’fhàg Tearlach Green aige mar dhìleab. Às dèidh mearachd a dhèanamh le bhith a’ ceannach Newcastle United, chan eil Ashley airson a làmhan a shalach uair eile le bhith a’ gabhail thairis club le trioblaidean mòra ionmhais.
Coimhead na tha e air a dhèanamh aig Oldham Athletic agus a’ muigheadh a dhèanamh aig Rangers agus chì thu pàtran a’ nochdadh air na dh’fhaodadh a bhith fa-near do Ashley. Tha airgead ri dhèanamh à ball-coise ach chan ann bho bhith a’ cosg milleanan air cluicheadairean a thogas tiotalan sa chumas an luchd-taic toilichte. Chan e sin a tha fa-near do Ashley idir. Tha e toilichte a bhith na bhancair dhaibh agus ma ghabhas an club ri iasad deich millean not eile bhuaithe, bidh trì deug millean aige ri fhaighinn air ais agus bidh e air a bharantachadh mu choinneamh Ibrox agus an goireas trèanaidh aca aig Auchenhowie a thuilleadh air taigh Edminston agus a’ phàirce chàraichean tarsainn an rathaid bho Ibrox.
Tha grunn agaibh air faighneachd dè am feum a bhiodh ann an Ibrox airson Ashley mura faigheadh e an £10m air ais? A dh'aindeoin gach luidealachd is amaideas a tha sinn a' faicinn timcheall a' chlub an-dràsta, shaoilinn gum biodh ball-coise ga chluiche aig Ibrox airson iomadach bliadhna fhathast agus nam biodh a' phàirce le Ashley agus an club ann an ainfhiach ris, dh'fhaodadh e màl iarraidh, rud a bhiodh gu math luachmhor dha. Mar a thubhairt mi chan eil ùidh mhòr sam bith aig Ashley ann am ball-coise, ach tha e ag iarraidh nas urrainn dha de dh'airgead a dhèanamh às a' ghèam.
Leis an sin fiù ’s ged a chailleadh e smachd air a’ bhòrd-stiùiridh ma shoirbhicheas leis a’ choinneamh èiginneach a tha Dave King air iarraidh, bhiodh Ashley fhathast ann an suidheachadh far am biodh na cùmhnantan aige tèarainte airson na ceithir no còig bliadhna a tha romhainn. Dh’fheumadh iad an dà chuid obrachadh còmhla ris no bargan a ruighinn leis a leigeadh leotha cuid dheth na cùmhnantan sin fhaighinn air ais bho sgiath a’ chlub fhèin. An tachair sin? Tha amharas agam nach tachair. Dh’iarr King coinneachadh ri Ashley bho chionn greis agus cha chual’ e air ais bhuaithe fhathast. Bidh deagh fhios aig Ashley cuideachd gu bheil riaghailtean Comann Ball-coise na h-Alba ag ràdh nach urrainn do leithid King is Pòl Moireach a bhith nan stiùirichean air a’ chlub.
Tha seanfhacal againn sa Ghàidhlig a tha ag ràdh gur e a’ bhò is caoile sa bhuaile as cruaidhe a dh’eubhas, ach uaireannan ’s ann air an fheadhainn as sàmhaiche leithid Ashley a dh’fheumas tu do shùil a chumail. Thuige seo tha e air a bhith grunn cheumannan air thoiseach air a h-uile duine eile san sgeulachd seo agus tha mi an amharas gur ann mar sin a dh’fhuiricheas e. Cuimhnich feumaidh am madadh-allaidh seo a bhith daonnan air thoiseach air càch oir tha cliù aige ri dhìon.
Tha e mar chomharra air cho riaslach ’s a tha cùisean aig Ibrox gur gann a bha mi air crìoch a chur air aon sgeulachd an uair a nochd tè leis a’ mhanaidsear eadar-amail, Kenny McDowall a leigeil fhaicinn gu bheil esan cuideachd airson a dhreuchd fhàgail. Feumaidh mi a ràdh nach eil sin a cur iongnadh sam bith orm. Cha robh McDowall ag iarraidh na h-obrach co-dhiù às dèidh do Ally McCoist fàgail agus bha e a’ coimhead gu math mì-chofhurtail sna ceithir geamachan a bha e os cionn na sgioba. Mar a thuirt mi aig an àm ’s e coidse ’s chan e manaidsear a th’ ann am McDowall agus THA diofar eadar an dà dhreuchd.
Aig Dia tha brath, dè an taobh a tha Rangers a’ dol a thionndadh a-nis airson manaidsear ùr, ach le uiread de thrioblaidean eile far na pàirce a’ cuairteachadh a’ chlub ’s dòcha gur e sin an rud as lugha a th’ air an aire an-dràsta.