Main content

Sùil air Spòrs 210614

Bho thòisich mi air a’ cholbh seo a’ sgrìobhadh tha na faclan ‘miann’ agus ‘comas’ air nochdadh tric is minig. Sa chiad cholbh dh’fhaighnich mi an robh am miann aig an Spàinn Cuach na Cruinne a ghlèidheadh a-rithist agus fhuair sinn am freagairt thairis air a’ chola-deug mu dheireadh, dìreach mar a chunna sinn nach robh an comas aig Sasainn faighinn a-mach às a’ bhuidheann acasan nas motha. Air an làimh eile ge-tà bha an dà chuid am miann agus an comas aig Kerry Nic a Phì gus àite a chosnadh ann an sgioba na h-Alba airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis.

Tha mi an amharas gum bi sinn a’ tilleadh chun na faclan sin a-rithist sa chola-deug a tha romhainn co-cheangailte ri Wimbledon agus co-dhiù a thèid aig Andy Moireach air an fharpais a thogail airson an dara bliadhna às dèidh a chèile. Tha am Moireach fhèin air aideachadh gun do chaill e beagan dhen mhiann a bh’ aige às dèidh Wimbledon a ghlèidheadh an uiridh agus gun robh làthaichean ann nach b’ urrainn dha a bhith air a bhodraigeadh ag èirigh sa dhol a threànadh.

Tha sinn a’ faicinn seo a’ tachairt gu math tric le sàr luchd-spòrs. Aon uair ’s gu bheil iad air na tiotalan mòra a ghlèidheadh no àireamh a h-aon a ruighinn, tha iad a’ dùsgadh an ath mhadainn sa faighneachd – ‘Dè a nì mi a-nis?’ Thachair an aon rud leis a’ ghoilfeir Gearmailteach Màrtainn Kaymer às dèidh faighinn gu àireamh a h-aon agus thug e bliadhna gu leth mus d’ fhuair e seachad air. Thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh tha am Moireach cuideachd air a dhol fo lannsa air a dhruim agus tha e air an coidse aige, Ivan Lendl a chall, rud a thàinig air mar chlach às an adhar.

Mauresmo an àite Lendl

Dhòmhsa chan eil teagamh nach e Lendl a rinn an diofar a thaobh a bhith a’ gluasad Moireach gu ìre far am b’ urrainn dha na farpaisean mòra a ghlèidheadh agus le bhith a’ falbh gu h-obann, tha e air beàrn mhòr fhàgail san sgioba aig Andy. Tha e air feuchainn ri sin a lìonadh le bhith a’ toirt a-steach Amélie Mauresmo mar choidse, ceum a tha air moladh agus càineadh a chosnadh dha, an dara cuid a’ tighinn bho Virginia Wade a bha a’ smaointinn gur ann ri “fealla-dhà†a bha Moireach le bhith a’ toirt obair dhan bhana-Fhrangach.

Cha b’ urrainn do Lendl agus Mauresmo a bhith nas diofraichte bho chèile – esan fuar, crosta agus deònach an t-slat a chleachdadh an uair a tha feum oirre; ise blàth, dòigheil, dèidheil air fìon, surfadh ann am Biarritz agus a’ dràibheadh a’ Harley Davidson aice. Tha aon rud eile as d’ fhiach a ràdh mu dheidhinn Mauresmo agus ’s dòcha gur e seo a thug air Moireach a’ toirt a-steach. Mar chluicheadair, bha i air a’ buaireadh le uallach agus frionasachd gus an deach aice air Wimbledon agus Open Astràilia a ghleidheadh ann an 2006.

Mar sin cha tiginn an urras nach biodh Moireach an dòchas gun cudich an t-eòlas sin e gus faighinn seachad air a’ mhì-chinnt a tha air a bhith ga bhuaireadh fhèin a thuilleadh air am miann aige airson duaisean a dhùsgadh as ùr. An tachair e ann an àm airson crùn Wimbledon a dhìon? Uill, chan eil ach ceathrar dhen fhichead a bhuinnig an tiotal airson a’ chiad uair air tilleadh air ais gu SW19 agus a ghlèidheadh a-rithist an ath-bhliadhn’ – Björn Borg, Boris Becker, Pete Sampras agus Roger Federer – dearbhadh gu bheil e nas fhasa mullach na beinne a ruighinn seach fuireach ann. A bheil am miann aig Moireach mullach na beinne a ruighinn a-rithist? Tha sinn an imis faighinn a-mach.

Collins air ais aig Celtic

Le Iain Collins a’ tilleadh gu Celtic, bidh ceangal aig Uibhist a Deas ris a’ Phrìomh Lìog air an ath sheusan. Bhuineadh màthair Iain (Rhona Aonghais Nèill Mhic Dhòmhnaill Bhuachaill nach maireann) do sgìre Loch Baghasdail agus tha fiosam gum bi Iain agus a bhràthair fhathast a’ dol suas a dh’Uibhist bho àm gu àm a dhèanamh beagan iasgaich. Tha mi an amharas nach bi uimhir a dh’ùine aige sin a dhèanamh a-nis ach tha e gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a dh’obraicheas e fhèin ‘s am manaidsear ùr aig Celtic, Ronny Deila, còmhla thairis air an t-seusan a tha romhainn.

Bu chòir cùisean a bhith sìmplidh gu leòr dhaibh an seo aig an taigh an Alba far nach eil an fharpais cho cruaidh. Ach ‘s e ball-coise Eòrpach a dhearbhas co-dhiù am bi iad soirbheachail agus le dà ghèam dearbhaidh rin cluiche aig Murrayfield air sàilleabh Geamachan a’ Cho-fhlaitheis, bidh e nas dorra buileach dhaibh ‘Tìr a Gheallaidh’ no buidhnean an Champions League a ruighinn am bliadhna.