Sùil air Spòrs 240115
Tha e a’ tighinn gu rudeigin an uair a tha fear dhen teaghlach spòrs as ainmeile an Alba a’ faireachdain gum feum e tighinn a-mach agus càineadh poblach a dhèanamh air a’ bhuidheann Teanas Alba. A rèir choltais b’ e cuspair a bha seo air an do bhruidhinn Jamie agus Andy Moireach còmhla rim màthair Judy thairis air saor-làithean na Nollaige, agus cho-dhùin iad nach robh faisg uimhir gu leòr ga dhèanamh gus togail air dìleab nam bràithrean, gu sònraichte Andy, ann a bhith a’ brosnachadh teanas an Alba.
Tuigidh mi carson a tha Jamie air a thighinn a-mach leis na draghan aige. Tha e dhen bheachd nach eil gu leòr ga dhèanamh airson goireasan a thogail far am faod òigridh teanas a chluich a-staigh seach a-muigh agus tha Teanas Alba fhèin air aideachadh nach eil iad air an t-adhartas a bhiodh iad ag iarraidh fhaicinn. Ged a tha iad air còrr is £4.5m a chosg air goireasan teanas a-muigh bho 2012, tha iad ag aideachadh nach tig air adhart ach ceithir dhen dusan pròiseact a bha san amharc sna ceithir bliadhna a tha romhainn airson goireasan a-staigh air sàilleabh cion ionmhais.
A rèir Teanas Alba chosgadh sin £11.3m agus chan eil an t-airgead ann. Cha bhithinn airson a bhith ro chruaidh air Teanas Alba an seo oir ‘s e buidheann cuideachaidh agus chan e buidheann maoineachaidh a th’ annta. Thàinig a' mhòr-chuid dhen £4.5m a chosg iad air goireasan ùr san dà bhliadhna mu dheireadh bho sportscotland, buidheann maoineachaidh Riaghaltas na h-Alba, agus Comann Nàiseanta an Teanas, an LTA, leis a chòrr a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile.
Ach tha mi smaointinn gum biodh e cothromach faighneachd carson nach deach smaointinn air goireasan a-staigh an uair a chuir iad na pròiseactan eile sin air adhart? Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhaibh a bhith air togalaichean a chur suas far am faodadh tu teanas a chluich ann an droch shìde ged a bhiodh sin math, ach tha fios gum faodar a bhith air smaointinn mu dheidhinn dòighean anns am b’urrainn còmhdach no ‘bubble’ a chur air raointean a leigeadh le daoine teanas a chluich an uair nach eil an aimsir freagarrach?
Chan eil agad ach coimhead air na seachdainean mu dheireadh gus faicinn cho dona sa dh’fhaodas an t-sìde a bhith an seo an Alba, ach na dhèidh sin tha e a’ fàilleachdain air buidhnean leasachaidh, chan ann a-mhàin ann an teanas, goireasan a thogail a leigeas le daoine spòrs a chluiche ann an àiteachan seasgair an uair nach urrainn dhaibh cluiche a-muigh. Thig gu dùthchannan fuara eile leithid Innis Tìle agus tha goireasan dhen t-seòrsa seo aca air feadh na dùthcha rud a tha a’ ciallachadh gu bheil a h-uile duine a’ faighinn an cothrom as fheàrr pàirt a ghabhail ann an spòrs, rud a tha math a thaobh slàinte is fallaineachd, ach a tha cuideachd a’ ciallachadh gum faod an fheadhainn leis an tàlant as motha na sgilean aca a ghleusadh gun a bhith a’ strì an aghaidh nan siantan tro mhìosan a’ gheamhraidh.
Tha mi làn chinnteach gu bheil an t-uamhas òigridh air feadh Alba a tha ag iarraidh leantail ann an lorgan Andy Moireach, am pearsa spòrs as ainmeile dhen ghinealach againne. Airson a' mhòr-chuid dhiubh sin cha tig an ùidh sin nas fhaide na cur-seachad ach ma tha e a’ ciallachadh daoine le bodhaigean agus inntinnean nas fallainne, nach eil sin fhèin a’ dol a shàbhaladh na milleanan airson Seirbheis na Slàinte sna bliadhnaichean a tha romhainn? Agus cò aig a tha a tha fios nach eil rionnag no dhà eile ann a dh’fhaodadh leantail ann an lorgan a’ Mhoirich, ach mura toir sinn dhaibh an cothrom as fheàrr tha cunnart ann nach tèid làn bhrath a ghabhail air dìleab sàr neach-spòrs na h-Alba.
Carthannas is nàimhdeas - an dà thaobh de chàirdeas iongantach Celtic is Rangers
Chunna sinn an taobh as fheàrr de Celtic agus Rangers an t-seachdain seo chaidh le Celtic a’ cur £10,000 ris a’ ghèam carthannais aig Fernando Ricksen agus còrr is dà fichead mìle neach an uairsin a’ nochdadh aig Ibrox Didòmhnaich gus taic a chur ris an t-seann chluicheadair aca agus aire a thogail airson an tinneas uamhasach MND a bhuail an Dùidseach bho chionn dà bhliadhna.
Seo an dearbh tinneas a thug bàs do Jimmy Johnstone naoi bliadhna air ais agus tha mi cinnteach gun robh sin cuideachd ann an inntinn Celtic an uair a thug iad an suim airgid seo seachad. Mus do dh’èug e bha Jimmy a’ smaointinn nach robh fada gus an tigeadh leigheas a lorg airson MND agus coltach ri mòran eile tha mi an dòchas gun tog an tachartas seo ìomhaigh tinneas iargalta a tha a’ crìonadh nam fèithean agus gum faic sinn leigheas ann an àm airson leithid Fernando Ricksen.
Bhiodh e math a bhith a’ smaointinn cuideachd gun toireadh luchd-taic an dà sgioba an deagh rùn sin a-steach dhan iar-chuairt dheireannach de Chupa Lìog na h-Alba Didòmhnaich seo tighinn, ach tha mi an amharas gum bi an t-seann naimhdeas air ais am follais. Seo a’ chiad uair a bhitheas an dà sgioba air cluiche bho b’ fheudar do Rangers tòiseachadh as ùr trì bliadhna air ais agus tha mòran dhen bheachd gum faodadh trioblaid is buaireadh a bhith na chois. Tha mi an dòchas gu bheil iad ceàrr agus gum bi sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn toiseach tòiseachaidh ùr airson fear dheth na geamachan derbaidh as motha ann am ball-coise.