Sùil air Spòrs 040415
Às dèidh a’ cheist a thogail an seo beagan sheachdainean air ais tha mi toilichte fhaicinn gu bheil ochdnar chluicheadair ball-coise à Uibhist is Barraigh air cothrom fhaighinn feuchainn ri faighinn a-steach dhan sguad a thèid gu Geamachan nan Eilean ann an Jersey nas anmoiche air an t-samhradh.
Gu mì-fhortanach ge-tà tha na boireannaich a tha an sàs ann am ball-coise ann an Uibhist is Barraigh fhathast a’ feitheamh ri fios sam bith bhon fheadhainn a tha a’ ruith sgioba nam ban. Co-dhiù ruigeadh each mall muileann mar a chanas an seanfhacal ach ’s math gun deach an sgioba coidsidh Eric ‘Strada’ MacLeòid agus Magnus MacIain a-mach a choimhead Saints an Iochdair an uair a shiubhail iad suas a Leòdhas bho chionn ghoirid.
’S e ceist eile a bhitheas ann co-dhiù a gheibh iad dhan sgioba a thèid gu Jersey ach tha cothrom aca iad fhèin a dhearbhadh ann an gèam deuchainn aig deireadh na mìos air an Tairbeart. ’S dòcha gur e a’ cheist as motha ge-tà am bi iad airson a dhol chun na geamachan co-dhiù às dèidh dha tighinn am follais - tha e am follais a-nis mura robh e roimhe - gum feum an luchd-spòrs £750 a phàigheadh airson faighinn chun na geamachan. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil dithis de sgioba ball-coise nam fear air tarraing a-mach mar-thà agus cha bhiodh e na iongnadh nan tigeadh feadhainn eile chun an aon cho-dhùnaidh sna seachdainean a tha romhainn.
Bha fios againn gun robh cùisean gu bhith nas duilghe am bliadhna às dèidh dhan a’ chompanaidh a bha a’ cumail taic-airgead riutha tarraing a-mach aig deireadh na bliadhna seo chaidh a’ fagail toll faisg air £25,000 san airgead a dh’fheumar a thogail. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil companaidh eile an impis cuid dhen bheàrn sin a lìonadh le naidheachd a thèid a dhearbhadh an ùine nach bi fada, ach a dh’aindeoin sin tha fiosam gur e briseadh-dùil mòr a bh’ ann dhan luchd-spòrs a fhuair fios gun robh iad san sgioba aig deireadh na seachdain seo chaidh gun robh a’ phrìs cho àrd ri £750 airson a dhol gu Jersey.
Tha a’ phrìs cho àrd ’s gu bheil fiù ’s na rionnagan as motha san sgioba a' smaointinn gu math cruaidh air co-dhiù a thèid aca air a dhol gu Jersey air sàilleabh na tha e a’ dol a chosg dhaibh. Gu dearbh chaidh a ràdh rium air an deireadh sheachdain nach bi aon dhiubh air chomas a dhol ann às aonais cuideachadh bho chompanaidhean taic.
’S e fìor bhuile a bhiodh an sin dhan sgioba agus bu chòir dha toirt air Comann Gheamachan Eileanach nan Eilean Siar (WIIGA) smaointinn gu math cruaidh feuch a bheil dòigh as urrainn dhaibh na cosgaisean a lùghdachadh. Agus leis an sin chan eil mi a’ ciallachadh toirt air an luchd-spòrs fhèin feuchainn ri barrachd airgead a thional eadar seo is na geamachan. Leis an fhìrinn innse bu chòir dhan obair sin a bhith deànte bho chionn fhada agus chan eil e cothromach a bhith ag iarraidh air luchd-spòrs a tha air obrachadh gu cruaidh airson an ìre seo a ruighinn tuilleadh airgid a thogail cho anmoch san latha.
An àite sin chanainn gur e deagh àm a bhiodh an seo do neach sam bith a bha a’ dol a shiubhal gu Jersey an-asgaidh an làmh a chur nam pòcaid agus an cuid fhèin dhen chosgais a phàigheadh. Tha fiosam gu bheil diofar dhaoine air obair mhòr a chur a-steach a’ deasachadh airson na geamachan, co-dhiù a tha iad air comataidhean no mar choidsichean, comhairlichean no aoighean, ach san t-suidheachadh seo tha mi smaointinn gum biodh e ceàrr na h-uiread dhen eallach a chur air an luchd-spòrs a thaobh cosgaisean.
’S e àm airson aonachd agus chan e lethearachas a tha seo agus co-dhiù a thig e bho airgead a tha aca air a shàbhaladh mar-thà no a h-uile duine a’ giùlain an cuid fhèin dhen chosgais feumar rudeigin a dhèanamh gus a’ phrìs a lùghdachadh dhan luchd-spòrs. Mura tachair a leithid sin tha eagal orm gum bi feadhainn eile a’ ruighinn co-dhùnadh gur e prìs ro dhaor a tha seo airson a phàigheadh.
Agus a' fuireach le lùth-chleasaichean eileanach, mo mhòr bheannachd air Kara Hanlon à Leòdhas a rinn sònraichte math aig farpais snàmh na h-Alba ann an Obar Dheathain air an deireadh sheachdain. Chan e a-mhàin gun do ghlèidh i na farpaisean 50, 100 agus 200 meatair ach chlàr i cuideachd an uair as luaithe an Alba san rèis 50m, 32.09 diog anns na rèisean dearbhaidh agus a’ dol fiù ’s nas luaithe sa chuairt dheireannaich aig 31.95 diog. Mura robh sin gu leòr rinn i an uairsin an gnothach air Hannah Miley, a choisinn bonn òir aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis an uiridh, sa chuairt dheireannach dhen rèis 200 meatair. Dìreach mìorbhaileach agus a’ dearbhadh a-rithist an dà chuid air an tàlant spòrs a th’ againn sna h-eileanan, an obair chruaidh agus a' chosgais a tha iad a’ cur a-steach airson faighinn chun an ìre as àirde sna spòrsan aca.
Aig an aon àm tha prìomh sgioba ball-coise Lìog na Gàidhealtachd, Brora Rangers air leigeil fhaicinn gum biodh e ro dhaor dhaibhsan faighinn a-steach gu Lìog Proifeiseanta Ball-coise na h-Alba. Tha sin tàmailteach oir bho chionn dà bhliadhna bhòt iad airson an ceum a ghabhail suas nam biodh iad soirbheachail sna geamachan ‘play-off’ a tha a’ tighinn a-staigh aig deireadh na seusan airson àite a chosnadh ann an Lìog a Dhà. Mura robh iad cinnteach mu dheidhinn an t-siubhal sa chosgais a bha gu bhith na luib b’ e sin an t-àm airson a ràdh nach robh iad ag iarraidh a bhith mar phàirt dheth agus chan e a bhith a’ cur sgleò air cùisean aig an ìre seo.
Chan ann tric a bhitheas mi ag aontachadh ri Àrd Oifigear Comann Ball-coise na h-Alba, Stewart Regan, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil e ceart a bhith feargach mu dheidhinn seo. Tha e fhèin agus daoine eile air obair gu math cruaidh thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh gus siostam pioramaid a stèidheachadh a bheir cothrom do sgiobaidhean adhartach gluasad suas dhan SPFL. Bidh e inntinneach fhaicinn dè an seòrsa oidhirp a chuireas sgioba Brora Rangers a-steach dha na geamachan ‘play-off’ an aghaidh Edinburgh City, a’ phrìomh sgioba ann an Lìog na Galltachd. Ach ma tha Brora Rangers ceart agus nach eil ùidh aig a’ mhòr-chuid de chlubaichean ann an Lìog na Gàidhealtachd gluasad suas dhan SPFL feumar tilleadh chun a’ chuspair seo a-rithist agus Lìog ùr a stèidheachadh le clubaichean a tha da-rìreabh a smaointinn gur e prìs a tha seo as d’fhiach a phàigheadh.