Sùil air Spòrs 131214
Sgrìobh mi an seo an t-seachdain seo chaidh gun robh Ally McCoist eadar a’ chlach san sgrath agus gum feumadh e smaointinn air coiseachd air falbh bho obair mar mhanaidsear Rangers. Cha robh dùil agam gun tachradh sin cho luath agus bho nochd an naidheachd Dihaoine seo chaidh tha mòran air a bhith a’ faighneachd dhomh dè a tha fa-near do McCoist le bhith ag innse dhan chlub gu bheil e airson a dhreuchd fhàgail.
Mar a tha daonnan fìor le Rangers tha am freagairt toinnte, ach ma tha thu a’ faighneachd dhòmhsa dè am prìomh adhbhar a th’ air cùl a cho-dhùnaidh aige, chanainn gu bheil McCoist a-nis a tuigsinn nach urrainn dhan sgioba aige an Championship a ghleidheadh air an t-seusan seo. Chunna mi sin le mo shùilean fhèin sa ghèam an aghaidh Alloa ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba - cluicheadairean a b’ fheàrr a bhith nan suidhe a-staigh san casan suas an tac an teine agus nach b’urrainn a bhith air am bodraigeadh feuchainn ach a-mhàin airson cairteal na h-uarach aig toiseach an dara leth.
Chunna sinn e a-rithist sa ghèam an aghaidh Queen of the South. Uair eile ghèill Rangers an aghaidh sgioba a bha nas luaithe, nas sgileile ’s air an coidseadh na b’ fheàrr. Bha e follaiseach do dhuine sam bith a bha a’ coimhead a’ ghèam gun robh na cluicheadairean air toirt suas agus an uair a thachras sin chan eil e a’ fàgail cus roghainn aig a’ mhanaidsear. An àite cumail orra airson pàrtaidh Nollaig ann an Leeds thug McCoist air bus na sgioba tilleadh air ais a Ghlaschu agus na cluicheadairean a thoirt air ais a-steach airson trèanadh madainn Disathairne. Ach ’s e fìrinn na cùise gun robh na cluicheadairean air McCoist fhèin a thilgeil fon bhus an oidhche roimhe sin le mar a chluich iad aig Palmerston.
Tha deagh fhios aig McCoist cuideachd nach eil taic aige bho bòrd stiùiridh a’ chlub, no tha mi an amharas bhon fhear a tha a’ ruith chùisean a-nis, am fear-gnothaich Mike Ashley. ’S dòcha nach eil aige ach timcheall air naoi sa cheud de dh’earrannan sa chlub, ach chan eil teagamh nach e Ashley a tha air cùl gach gearradh cosnadh is cosgais - agus tha tuilleadh dhiubh a’ tighinn air agus far na pàirce - a tha Derek Llambias air a bhith a’ dèanamh às a leth thairis air na seachdainean mu dheireadh. Suidheachadh annasach airson fear a thug gealladh sgrìobhte do Chomann Ball-coise na h-Alba nach gabhadh e gnothach le ruith a’ chlub fhad ’s a bha e fhathast an sàs ann an Newcastle United. ’S beag an t-iongnadh mar sin gu bheil Àrd Oifigear an SFA Stiùbhart Regan a’ coimhead airson obair ùr!
‘S e cuspair airson latha eile a tha sin ach an-dràsta feumaidh Ashley agus McCoist tighinn gu rèite air choireigin a leigeas leis a’ chlub gluasad air adhart agus dh’fhaodadh gum faigheadh sinn fuasgladh air an sin an t-seachdain seo an uair a choinnicheas e ri Llambias agus Sandy Easdale, fear dheth na stiùirichean. Mar a tha mi a' tuigsinn bhiodh McCoist riaraichte le £400,000 ach le Rangers a’ feumachdain £8m sa Bhliadhn’ Ùir airson an club a chumail a’ dol, a bheil Ashley gu bhith deònach a làmh a chur na phòca gus McCoist a phàigheadh dheth? Airgead pronn airson leithid Ashley a tha luach còrr is £4bn ach cha do choisinn e am fortan sin le bhith a’ tilgeil a chuid airgid air falbh.
Thuirt mi an t-seachdain seo chaidh nach cuirinn cus coire air McCoist airson a bhith a’ coimhead airson airgead-dìolaidh, gu sònraichte às dèidh mar a tha feadhainn eile air am pòcannan a lìonadh, ach bhiodh e na b’ fheàrr dha chliù fhèin am measg an luchd-taic nan canadh e nach robh e ag iarraidh sgillinn. Chan e gu bheil feum aige air an airgead co-dhiù agus bhiodh e a ciallachadh cuideachd nach biodh e air a chuingealachadh a thaobh na dh’fhaodadh e a ràdh mu na th’ air tachairt aig Rangers thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.
Ach le bhith a’ dol air ais air an t-seann tuarastal de £750,000 fhad ’s a tha e a’ feitheamh ri pàigheadh dheth tha mi a’ smaointinn gu bheil e air am batal sin a chall a-nis. Ann an sùilean an luchd-taic tha e a’ coimhead sanndach aig àm an uair a tha an club air a ghlùinean agus feumach air a h-uile sgillinn airson faighinn gu deireadh na seusan. Chan eil fhiosam cò a tha ga chomhairleachadh (uill tha fios agam ach chan eil mi airson an ainmeachadh an seo) ach tha e air seo a làimhseachadh ceàrr - bhon dòigh san d’ thàinig an naidheachd a-mach bho dhaoine a tha faisg air air an dearbh latha san robh gèam cudromach aig Rangers gu bhith a’ cumail a-mach gun robh aire gu tur air an obair an uair a bha fios aig coin a’ bhaile gun robh e air leigeil fhaicinn dhan chlub gun robh e airson falbh. Tha an club na chulaidh mhagaidh air agus far na pàirce ach ma tha McCoist airson a chliù a ghleidheadh coisichidh e air falbh às aonais na cleasan gòrach a tha sinn air fhaicinn bhuaithe sna làithean mu dheireadh.
Co-dhùnadh ceàrr Duais Pearsa Spòrs 2014 a thoirt do Hamilton
Coltach ri gu leòr eile chuir e iongnadh orm gur e Lewis Hamilton ’s nach b’e Rory McIlroy a ghlèidh Duais a’ BhBC airson Pearsa Spòrs 2014. Eu-coltach ri Hamilton cha robh sgioba de dh’einnseanirean agus coimpiutairean air cùl McIlroy an uair a choisinn e dà phrìomh dhuais, farpais an t-saoghail a thuilleadh air pàirt chudromach a chluich e san sgioba a thog Cupa Ryder. Air ais aig àireamh a h-aon às dèidh bliadhna dhuilich ann an 2013, cha b’ urrainn samhradh na b’fheàrr a bhith aig an Èireannach à Beul Feirste. Ach tha mi an amharas gum faigh e seachad air agus an uair a thig e gu h-aon ’s gu dhà bidh cuimhne air McIlroy chan ann airson duaisean telebhisean ach airson na cupannan a thogas e air an raon-goilf.